Main content

Episode 2

Episode 2 of 10

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Ann am prògram na seachdain sa tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, agus 's e fear a th' ann a bhios aithnichte do mhòran agaibh - Ruairidh MacIllEathain, a bhios ri chluinntinn a h-uile seachdain air Radio nan Gàidheal le Litir do Luchd-ionnsachaidh.

Cuideachd sa phrògram, bidh an t-Ollamh Michel Byrne an seo le Oisean a' Ghràmair, bidh Siobhan NicAonghais a' toirt thugaibh fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba agus cluinnear an dàrna earrann den sgeulachd ghoirid againn, An Claigeann aig Damien Hirst le Maoilios Caimbeul.

Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. In this week's programme, Ruairidh Maclean, who is well-known for his Litir do Luchd-ionnsachaidh slot on Radio nan Gàidheal, shares his experience of learning Gaelic, grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and BBC archive material is used to illustrate some of the complexities of the language. We will also hear the second part of our serialised short-story, An Claigeann aig Damien Hirst by Maoilios Caimbeul.

Available now

54 minutes

Last on

Sun 2 May 202110:30

Tar-sgrìobhadh: Seachdain sa Chogadh

Fiona NicIllFhinnein: Air an t-seachdamh latha deug den Iuchar, naoi ceud deug ’s a còig deug ann an Lunnainn, nochd dithis ann an cùirt armailteach fo amharas gur e luchd-brathaidh a bh’ annta.


Gilleasbuig MacDhòmhnaill: Bha Haicke Janssen air a thighinn a Bhreatainn meadhan a’ Chèitein, ag ràdh gur e Dùitseach à Amsterdam a bh’ ann agus a’ leigeil air gur e fear-siubhail a bhiodh a’ reic shiogàran a bh’ ann. Cha b’ fhada gus na dh’fhàs Seirbheisean Tèarainteachd Bhreatainn amharasach gun robh fear-brathaidh ag obair san sgìre mun cuairt air Southampton. Fhuair iad grèim air teileagraman bho Janssen a bha mas fhìor mu dheidhinn siogàran ach a dh’fhaodadh a bhith air an leughadh ann an dòigh eile. Aig deireadh na mìos, chaidh Janssen a chur an grèim.


Thàinig Willem Roos a Lunnainn à Amsterdam meadhan na mìos, cuideachd ag ràdh gur ann a’ dol a reic siogàran a bha e. À Lunnainn, chaidh e dhan Chaisteal Nuadh agus à sin a Dhùn Èideann far an deach e a dh’fhuireach ann an taigh-òsta ann a Lìte, port as am biodh bàtaichean a’ Chabhlaich Rìoghail a’ falbh ’s a’ tighinn.


Cha b’ fhada gus an robh e fhèin an grèim agus fianais ann gu robh e na fhear-brathaidh. Aig a’ chùirt, dhiùlt Janssen bruidhinn, ach dh’aidich Roos gum b’ aithne dhaibh a chèile. Thug eòlaichean fianais nach robh siogàran ann leis na h-ainmean a bha an dithis a’ cleachdadh ann an litrichean is teileagraman.


Fhuair an dithis aca binn bàis is cha bhiodh fada aca ri feitheamh.

Tar-sgrìobhadh: Siud Thu – Kathleen NicAsgaill

Piuthar Ailean Caimbeul a' bruidhinn mu dheidhinn


Kathleen: Uill, ’s e mise ’s bu shine dhan teaghlach, agus tha mi bliadhna gu leth nas sine na Ailean. Agus mar sin, nuair a bha mise òg, ’s e A Beag a bh’ agam air, mar a bha e na b’ òige na bha mi, is bha mi a’ gabhail brath air mar sin.


On as cuimhn’ leamsa Ailean, bha ùidh aige ann an rudeigin air cuibhlichean. Bha e a’ falbh is thug e seann phram às a chèile agus sìos dhan frèam is gu na cuibhlichean. Is chuir e bogsa iasgaich air uachdar sin. Is bhiodh e...’s e bogey a bh’ aige air. Bhiodh e sìos is suas na bruthaichean air a sin!


Agus ’s e balach beòthail a bh’ ann an Ailean riamh. Agus creid e no nach creid e, bhithinns’ cheart cho... a’ falbh às a dhèidh anns a h-uile àite neo falbh leis, neo bhiodh esan a’ falbh às mo dhèidhsa, bhiomaid an-còmhnaidh cuideachd. Is ma bhiodh esan a’ dèanamh mì-mhodh, gu fìreannach bha agus mise.


Tha cuimhn’ a’m aon oidhche, chaidh daoine a’ tighinn a choimhead dhan taigh air chèilidh. Is thuirt mo mhàthair is m’ athair, “Oh, cuiridh sinn teine shìos anns an rùm ìosal dhuibhse, is gheibh sibh geamaichean mar snakes and ladders is rudan mar sin. Is faodaidh sibhse fuireach ann a shin gus am falbh na daoine tha seo.”


Co-dhiù nuair a bha... fhad ’s a bha an oidhche a’ dol air adhart, chaidh an teine sìos. Iochd, ’s ann a thòisich sinn a’ coimhead an robh m'athair a’ cumail pàipear air beulaibh an teine is bhiodh e a’ faighinn drafts. Chaidh sinn a choimhead airson pàipear, chan fhaigheamaid but, ach a’ chiall dè fhuair sinn anns a’ phreasa ach briogais bib and brace a fhuair mo mhàthair o fear a bha tighinn timcheall nan dorsan a’ reic, is air a cheannach airson mar gan canadh tu “special occasion”, agus chaidh mi fhìn is Ailean, cha robh ach am bib and brace a chumail suas ri aghaidh a’ ghrèat’.


Oh thòisich an teine a’ gabhail gu math. Cha robh guth gun robh tòin na briogais a’ dol air a tharraing a-staigh dhan a ghrèat’!


An ath rud, bha ceò ann is obh obh! Tòin na briogais a’ gabhail. Thug sinn a-mach sin, is chuir sinn às e. Phàisg sinn suas gu brèagha e, is chuir sinn ann am pasgan e, a-staigh dhan drathair far an robh e roimhe.


Dh’fhosgail sinn an uinneag ach an d’ rachadh am fàileadh a-mach.


Cola-deug às dèidh sin, dh’fhòn m’ athair ri mo mhàthair, “Oh, cudeigin on a’ chomhairle a’ tighinn a-nall a bhruidhinn rinn an-diugh.” Bha e ag obair aig an rathad aig an àm.


“Oh ma-thà, ars' màthair ’s dòcha gun urrainn dhut a’ bhriogais ùr a chur ort.”


O a chagair! Thug mise sùil air Ailean, is Ailean ormsa. An t-astar a bh’ againn a’ falbh dhan sgoil a mhadainn a bha siud, chuir e iongnadh oirre gu dè cho luath ’s a dh’fhalbh sinn dhan sgoil. Ach o bhròineag, nuair a thill sinn dhachaigh, bha ceasnachadh an sin! Droch sgleò os cionn an taighe an latha sin!

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst: Pàirt 2

Cha robh na athair ach mèinnear ann an Durham. Durham! Mo chreach ’s a thàinig, far an robh na mèinnean a’ dùnadh gun sgur nuair a bha e na ghille beag. A-nis, bha mèinneadh airson gual an ìre mhath san taigh-tasgaidh, na phàirt de dh’eachdraidh.


Chaill athair a chosnadh agus bha e air an dòil airson bliadhnaichean. Cha robh Jon, a mhac, ach seachd bliadhna a dh’aois aig an àm agus thug an suidheachadh san robh an teaghlach buaidh mhòr air. Mar bu trice, cha robh sgillinn ruadh aca a shuathadh iad ri chèile. Mar a dh’fhàs an gille suas, mhiannaich e nach biodh esan bochd. Thòisich e a’ reic aig margaidhean, dèideagan cloinne saora an toiseach agus an uair sin brògan spòrs, agus cha b’ fhada gus an robh gu leòr de dh’airgead aige airson a’ chiad bhùth a cheannach. Ann am beagan bhliadhnaichean bha sreath bhùithean aige, Top Notch mar a bh’ orra.


Às dèidh sin cha chuireadh dad stad air. Aig deireadh nan ochdadan, reic e an t-sreath bhùithtean airson fortan agus thòisich e a’ reic agus a’ ceannach earrannan ann am Margaidh nan Earrannan. Fhuair e a-mach gun robh e fìor mhath air sin agus a-nis, aig aois leth-cheud ’s a dhà, bha e cho beairteach ris an rìgh Midas.

Oisean a’ Ghràmair 2: Notaichean

A’ CUR AINM AIR RUD/DUINE (Calling, naming)


Kathleen Chaimbeul:
“Nuair a bha mise òg, ’s e A Beag a bh’ agam air.”
“When I was young, I called him A Beag.”
“’S e bogey a bh’ aig Ailean air.”
‘Alan called it a bogey.’


(Smaoinichibh air: Dè an t-ainm a th’ ort?)


’S e A Beag a bha air.  ‘He was called A Beag.’
’S e A Beag a bha agam air.  ‘I called him A Beag’


’S e Anna Bheag a bha oirre. ‘She was called Anna Bheag.’
’S e Anna Bheag a bha agam oirre. ‘I called her Anna Bheag.’


An ann leatsa tha an cù seo? Dè th’ agad air?
‘Is this dog yours? What do you call him?’


’S e bogey a chanadh e ris.


‘I was an X, You were an X,’ etc


DÒIGH 1.


Kathleen Chaimbeul:
“ ’S e balach beothail a bh’ ann an Ailean riamh.”
‘Ailean was always a boisterous laddie’.


’S e balach beothail a bha annam. ‘I was a boisterous boy.’
’S e nighean bheothail a bha annad. ‘You were a boisterous girl.’
’S e balach beothail a bha ann.  ‘He was a boisterous boy.’
’S e nighean bheothail a bha innte. ‘She was a boisterous girl.’


’S e clann bheothail a bha annainn. ‘We were boisterous kids.
’S e clann bheothail a bha annaibh.  ‘You were boisterous kids.’
’S e clann bheothail a bha annta.  ‘They were boisterous kids.’


Gilleasbuig MacDhòmhnaill:
“Nochd Jannsen agus Roos anns a’ chùirt armailteach, fo amharas gur e luchd-brathaidh a bh’ annta.”
‘Jannsen and Roos appeared in military court under suspicion that they were spies.’
“Bha Janssen ag ràdh gur e Dùitseach à Amsterdam a bh’ ann.”
‘Janssen claimed he was a Dutchman from Amsterdam.’
“Bha e a’ leigeil air gur e fear-siubhail a bhiodh a’ reic shiogàran a bh’ ann.”
‘He pretended he was a travelling salesman who was selling cigars.’


’S e luchd-brathaidh a bha annta. ‘They were spies.’
’S e luchd-brathaidh a bha ann.  ‘He was a spy.’
’S e luchd-brathaidh a bha innte. She was a spy.’


DÒIGH 2.


Gilleasbuig MacDhòmhnaill:
Cha b’ fhada gus an robh e fhèin an grèim, agus fianais ann gu robh e na fhear-brathaidh.
‘It wasn’t long before he was arrested, as there was evidence that he was a spy.’
Bha fianais ann gun robh e na fhear-brathaidh.
‘There was evidence he was a spy.’


Bha mi nam neach-brathaidh. ‘I was a spy.’ (‘in my spy’)
Bha thu nad neach-brathaidh.  ‘You were a spy.’ (‘in your spy’)
Bha e na fhear-brathaidh.  ‘He was a (male) spy.’ (‘in his spy’)
Bha i na tè-bhrathaidh.  ‘She was a (female) spy.’ (‘in her spy’)


Bha sinne nar luchd-brathaidh.  ‘We were spies.’ (‘in our spies’)
Bha thusa nad luchd-brathaidh.  ‘You were spies.’ (‘in your spies’)
Bha iad nan luchd-brathaidh.  ‘They were spies.’ (‘in their spies’)


(Faicibh cuideachd BEAG AIR BHEAG 1, Prògram 7, Gràmar: Puing 2.)


Tha mi an dòchas gum bi na notaichean nan cuideachadh dhuibh.
‘I hope the notes will be a help (‘in their help’) to you.’


Dòighean 1 & 2:


‘He was a Dutchman from Amsterdam’:
’S e Dùitseach à Amsterdam a bha ann. / Bha e na Dhùitseach à Amsterdam.


‘He was pretending he was a travelling salesman.’
Bha e a’ leigeil air gur e fear-siubhail a bh’ ann / gu robh e na fhear-siubhail.


‘They were boisterous children’:
’S e clann bheothail a bha annta. / Bha iad nan clann bheothail.

Abairt na Seachdain

Thoir do chuid do dhuine falamh - is gheibh thu air ais dùbailte e

Broadcasts

  • Wed 28 Oct 201512:00
  • Sun 1 Nov 201510:32
  • Wed 20 Jan 201612:00
  • Sun 24 Jan 201610:30
  • Sun 25 Apr 202121:30
  • Wed 28 Apr 202112:00
  • Wed 28 Apr 202122:00
  • Sun 2 May 202110:30

Podcast