Main content

Episode 3

Episode 3 of 10

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Sheila NicLeòid agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne a' tilleadh le Oisean a' Ghràmair agus cluinnear criomagan à tasglann Radio nan Gàidheal.

In this programme for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Sheila MacLeod about her learning experience and Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the BBC archives to illustrate some of the complexities of the language.

Available now

55 minutes

Last on

Sun 9 May 202110:30

Tar-sgrìobhadh - Tìm – Mìcheal Bochanan

Mìcheal: Nuair a bhios mi a’ fàs seachd searbh do Lunnainn, agus bidh e a’ tachairt nuair a dh’fhàsas am baile ro shalach neo ro thrang, neo meadhan an t-samhraidh ma dh’fhaodte ro bhlàth, ’s toil leam a’ tighinn a-nuas an seo gu an Thames fhèin, agus a’ seasamh air fear dha na drochaidean a’ dol tarsainn na h-aibhne agus a’ coimhead air cuid dha na seallaidhean a chì thu às an seo, oir tha mise a’ smaoineachadh gu bheil iad cho tarraingeach ri dad sam bith a chì thu ann am baile sam bith air thalamh.


Ach, ge air bith cà’ seas thu, ge air bith dè drochaid air an seas thu ann an Lunnainn, chan eil teagamh sam bith mu dheidhinn an sealladh as tarraingiche. Agus, ’s e sin Taigh nan Cumantan, agus gu h-àraid an turaid mòr ainmeil air mo bheulaibh, Big Ben, an cloc as ainmeile air thalamh.


Grunn luchd-turais, Dùitsich tha mi a’ smaointinn, taobh a-muigh Big Ben, a’ creanadh an cuid amhaichean, cha mhòr gam bristeadh, a’ feuchainn ri dealbh fhaighinn dhen chloc mòr ainmeil, agus glè thric a’ feuchainn air iad fhèin a chur air beulaibh a’ chloc. Chan ann airson luchd-turais a thàladh a chaidh an cloc a thogail, ach chan eil teagamh sam bith nach e fear dhe na seallaidhean as ainmeile de Bhreatainn air feadh an t-saoghail. Tha an cloc mòr air a bhith a’ dol airson ceud gu leth bliadhna, tro chogaidhean, tro bhùrach, tro dhroch gheamhraidhean, agus tro làithean glòirmhoireachd, agus gu fortanach dhuinne, tha a h-uile coltas ann gu bheil e a’ dol a bhith a’ dol airson iomadach bliadhna eile.


Airson inneal cho achrannach, chan eil Big Ben ach air briseadh sìos aon uair, naoi ceud deug trì fichead ’s a sia deug. Thuit pàirt dhan chloc às a chèile, pìosan a’ tuiteam chun an ùrlair fiù ’s a’ dèanamh milleadh mòr is a’ ciallachadh gum b’ fheudar dhan chloc stad airson sia latha thar fhichead thairis air naoi mìosan airson a chàradh. Tha clagan no dhà air bristeadh an-dràsta ’s a-rithist, agus an luchd-obrach an àite air a stad aig amannan airson a chàradh. Bha tòrr obair ri dhèanamh mar eisimpleir ann an dà mhìle ’s a sia agus a-rithist ann an dà mhìle ’s a seachd, ach gu ìre mhòr, tha an cloc air a bhith gu math earbsach, fiù ’s ged a bhuail na Gearmailtich Pàrlamaid san Dàrna Cogadh, a’ dèanamh milleadh air dhà dha na ceithir clocan agus air an turaid fhèin. Chùm Big Ben a’ dol gu mionaideach tron chogadh.

Tar-sgrìobhadh: Sgeulachd Beatha: Eilidh an Tàilleir

Eilidh: Bha mi cho toilichte ri bròg ann, dìreach a cheart cho toilichte, agus bidh mi ag ràdh ris a’ chloinn an-diugh, agus canaidh mi seo ann am Beurla, “The happiest days of your lives... nuair a tha iad a-staigh còmhla rin athair is rim màthair, agus gun sìon a’ cur dragh orra.” Chan eil iad a’ smaoineachadh air an t-saoghal mhòr a tha a-muigh idir idir, ach a h-uile sìon fhad ’s còmhla is rè rianail agus toilichte còmhla rim màthraichean is an athraichean.


Angela: Is an robh tòrr teaghlaichean anns an sgìre? Am biodh tòrr de theaghlaichean eile anns an sgìre far an robh sibh fhèin, far an do thogadh sibh fhèin anns an Ìochdar?


Eilidh: Oh bha, bha. Ach, na daoine a b’ fhaisg’ oirnne nach buineadh dhuinn mar gum biodh, ’s e Taigh an Dùin a chanadh iad ris, agus ’s e mar gum biodh 'second home' dhomhsa a bh’ ann an Taigh an Dùin riamh. Agus, bha mi fhìn is Màiri riamh, bha sinn car mun aon aois, agus bha sinn riamh nar pals mhòr a’ dol dhan sgoil is air an aon chlas is a h-uile sìon mar sin gus an do bhàsaich ise o chionn dhà neo trì bhliadhnaichean air ais. Tha mi ga h-ionndrainn fhathast, agus tha mi ga h-ionndrainn anns an Ìochdar nuair a thèid mi a-null.


Agus an uair sin, an ath taigh, ’s e taigh Pàdraig, bràthair m’ athair. Agus bha an uair sin, bha mo sheanmhair beò, agus Pàdraig is an còrr dhen... uill, bha feadhainn dhen teaghlach ann, ach phòs Pàdraig an uair sin is bha a’ chlann aige fhèin ann is iad a’ fàs suas. Tha iad a’ tighinn an-diugh iad fhèin, pòsta is iad nan athraichean is nam màthraichean feadhainn aca. Agus sin agad a-nist’!

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst: Pàirt 3

Bha Sidney, an chauffeur, a’ feitheamh gu foighidneach ris aig bonn nan steapaichean. Dh’fhosgail e doras-cùil an Rolls dha, “An Caledonian an e?”


Chrath Slim a cheann, “Chan e a-nochd, An Athenaeum.”


B' i an club aig 9 Sràid Halkin gu 'm biodh e a’ dol tric agus e pròiseil gum b’ ann à Alba a bha aon de shinnsirean, ach a-nochd b’ ann san Athenaeum, aon de na clubaichean a b’ ainmeile ann an Lunainn, a bha sùil ris. O thùs, bha an club airson daoine a bha air ainm a dhèanamh dhaibh fhèin ann an saidheans, litreachas agus na h-ealain. Ach uaireannan ma bha airgead gu leòr aig duine agus e air seirbheis phoblach a dhèanamh, cha dhiùltadh iad ballrachd dha. B’ e an t-airgead a-mhàin a thug an t-urram sin dha Slim.


Cha tug iad fada a’ siubhal à Cranleigh a Lunainn sìos air an M25 agus a-steach meadhan a’ bhaile gu Pall Mall far a bheil an togalach eireachdail, an Athenaeum. Sguab an Rolls suas gu ruige an doras Doric ann an Ionad Waterloo.


Nuair a chaidh e a-steach dhan Chlub, cha robh e uabhasach trang, ach cha robh e ach tràth fhathast. Dh’òrdaich e uisge-beatha le deigh agus shuidh e leis fhèin ann an aon dhe na cathraichean cofhurtail leis an robh an t-àite air a bhreacadh. Thog e Financial Times agus bha e air chall air a chùlaibh nuair a dhùisg an guth àrd, cridheil e.


“Well, well, By Jove, mura a h-e Mgr Fairly a th’ ann.”

Oisean a’ Ghràmair 3: Notaichean

1. ‘I was an X, You were an X,’ etc


Faicibh Prògram 2, Notaichean Gràmair: Puing 2, Dòigh 2.


(Cuideachd BEAG AIR BHEAG 1, Prògram 7, Notaichean Gràmar: Puing 2.)


Bha mi na mo ghille beag an uair sin. ‘I was a wee boy then.’ (‘in my wee boy’)
Bha thusa na do nighean bheag. ‘You were a wee girl.’ (‘in your wee girl’)
Bha esan na charaid dhuinn. ‘He was a friend of ours.’ (‘in his friend’) (le sèimheachadh)
Bha ise na caraid dhuinn. ‘She was a friend of ours.’ (‘in her friend’) (gun sèimheachadh)
Bha sinne nar caraidean mòra. ‘We were great friends.’ (‘in our friends’)
Bha sibhse nur cuideachadh mòr. ‘You were a great help.’ (‘in your help’)
Bha iad nan luchd-brathaidh. ‘They were spies.’ (‘in their spies’)


Eilidh Nic an Tàilleir:


“Bha sinn riamh nar pals mhòr.” ‘We were always great pals’ (‘in our great pals’)


No: ’S e pals mhòr a bha annainn riamh.


Eisimpleirean le fuaimreag (‘vowel’), m.e.: athair, aingeal


Tha mi nam athair a-nise. ‘I’m a dad now.’
Tha thu nad athair.  ‘You’re a dad.’
Tha esan na athair.  ‘He’s a dad.’
Tha i na h-aingeal. ‘She’s an angel.’
Tha sinn uile nar n-athraichean a-nise. ‘We’re all dads now.’
Tha sibhse nur n-athraichean.  ‘You ‘re all fathers.’
Tha iad nan athraichean. ‘They’re fathers.’


Eilidh Nic an Tàilleir:


“Tha iad a’ tighinn an-diugh iad fhèin, pòsta is iad nan athraichean is nam màthraichean feadhainn aca.”
‘They themselves come [home], married and fathers and mothers, some of them.’


2. A’ CUR AINM AIR RUD/DUINE (Calling, naming)


(Faicibh Prògram 2, Notaichean Gràmair: Puing 1.)


Eilidh Nic an Tàilleir:
“’S e Taigh an Dùin a chanadh iad ris.”
‘They called it Taigh an Dùin (Fort House).’


No: ’S e Taigh an Dùin a bha aca air.
’S e Taigh an Dùin a bha aig daoine air an taigh sin.


Mìcheal Bochanan:


an cloc as motha air an t-saoghal ‘the biggest clock in the world’
an cloc as ainmeile air thalamh ‘the most famous clock on earth’
an sealladh as tarraingiche ann an Lunnainn ‘the most attractive sight in London’


Faicibh Notaichean Prògram 4.

Abairt na Seachdain

Thig crìoch air an t-saoghal, ach mairidh gaol is ceòl.

Broadcasts

  • Sun 1 Nov 201521:27
  • Wed 4 Nov 201512:00
  • Wed 4 Nov 201522:00
  • Sun 8 Nov 201510:29
  • Sun 24 Jan 201621:29
  • Wed 27 Jan 201612:00
  • Wed 27 Jan 201622:00
  • Sun 31 Jan 201610:32
  • Sun 2 May 202121:30
  • Wed 5 May 202112:00
  • Wed 5 May 202122:00
  • Sun 9 May 202110:30

Podcast