Main content

Episode 1

Episode 1 of 10

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa chiad phrògram den t-sreath seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Pam Bochell agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne a' tilleadh airson sreath eile le Oisean a' Ghràmair agus tha Siobhan NicAonghais cuideachd a' tilleadh le fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba.

Cuideachd anns an t-sreath ùr seo, bidh sinn a' toirt thugaibh sgeulachd ghoirid thairis air na deich seachdainean a tha romhainn, "An Claigeann aig Damien Hirst" le Maoilios Caimbeul. Cluinnear a' chiad earrann den sgeulachd, air a leughadh le Daibhidh Walker, anns a' phrògram seo.

In the first programme in this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Pam Bochel about her learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the BBC archives to illustrate some of the complexities of the language and we hear the first part of our serialisation of Maoilios Caimbeul's short story "An Claigeann aig Damien Hirst" read by David Walker.

Available now

56 minutes

Last on

Sun 25 Apr 202110:30

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from Beag air Bheag

Tar-sgrìobhadh: Sìde nan Seachd Sian

Is iomadh fear a thèid le eallaich ri seachdain chruaidh na caillich. Nis, ’s ann air seachdain toiseach a’ Ghiblein a tha an seanfhacal seo a’ bruidhinn; seachdain rin cainnte “a’ chailleach”.


Chan eil fios a’m carson is e sin an t-ainm a bh’ oirre, ach ’s e seachdain de shìde gu math cruaidh a bh’ ann – fìor chaoile an earraich. Agus mun àm sin, bhiodh beathaichean gu math acrach, agus dh’fheumadh daoine, ma bha iad airson an cumail beò, dh’fheumadh iad a bhith gu math frithealteach orra le beathachadh is biadh. Agus sin mar a bha an seanfhacal ag ràdh, gum biodh daoine a’ falbh le eallaich, man feur, neo bat’ fon achlais, dol a bheathachadh beathaichean. ’S ann gun toireadh iad troimh’ iad gu àm breith nan uan.


Bhiodh seo gu sònraichte fìor nam biodh sneachd ann agus nach fhaigheadh beathaichean air am beag no mòr a bh’ anns an talamh, a thoirt às.


Glè thric mun àm sin dhan a’ bhliadhna, thig sneachd cuideachd, dìreach nuair a bha daoine a’ smaoineachadh gun robh ’n aimsir dol a dh’fhàs na b’ fheàrr ’s na bu bhlàithe ’s na bu charthannaich.

Tar-sgrìobhadh: Mac'illeMhìcheil – Ailig Bhaltois

Ailig: Bha a h-uile baile làn charactaran, is bha bràthair m’ athair, bha e gu math eirmseach, agus mo sheanair cuideachd tha e coltach. Is tha cuimhn’ a’m stòiridh a bha m’ athair ag innse dhuinn o chionn bhliadhnaichean.


Bha Tarbh a’ Bhùird tha mi a’ smaoineachadh, bha e a’ tighinn dhachaigh, agus bha mo mhàthair, is a-rithist mo mhàthair ’s i a bha, bha m’ athair ag obair feumaidh, agus thàinig am fear a bha seo a bha ceangailte ris a’ bhòrd, bha e a’ dol a thoirt an tarbh air ais leis, agus thàinig e chun an doras agus thug mo mhàthair a staigh e agus thuirt e...


Iain: An duine neo an tarbh?!


Ailig: (a’ gaireachdainn) Tha mi a’ smaoineachadh gur e an duine! Agus, thuirt e, bhruidhinn e ri mo mhàthair, agus thuirt mo mhàthair ris, “Oh thig a-staigh is nì mi srùbag dhut mus tèid sinn sìos dhan t-seada”, thuirt i. Is bha an duine, bha e ro thoilichte beagan aoigheachd fhaighinn, is ghabh iad cupa tì, is mar a bha mi a’ canail, bha m’ athair, bha e an ceann a’ chuid obrach, agus an ceann beagan ùine, thuirt e, “Uill, ’s fheàrr dhuinn a dhol sìos agus coimhead ris a seo”.


Is thuirt ise, “Uill, tha, tha e anns an t-seada”, thuirt i.


“Math dha-rìribh”, ars an duine, so nuair a bha iad a’ dol sìos, thuirt ise ris, thuirt i, “If you take it”, cha robh Gàidhlig aige, thuirt i, “If you take it by the ears”, thuirt i, “and I’ll take it by the back end... by the rear end, by the tail”, thuirt i. Mar sin.


Thug an duine, thug e sùil oirre, agus cha tuirt i an còrr mu dheidhinn.


Is thuirt e, “Dè thuirt thu ann a shiud?”, is thuirt i, “Uill ma gheibh thusa grèim air na... gheibh mise grèim air na cluasan aige, is ma gheibh thusa an ceathramh deiridh.


Bha dùil aicese gun robh e’ tighinn airson a bag of wo... for the wool! Bha a’ chlòimh fhèin a’ falbh, ach ’s e bha esan ag iarraidh ach am bull. “I’m here for the bull”, thuirt e!


Is bha an duine, bha e a’ smaoineachadh gun e fuamhair a bha na mo mhàthair. Bha i a’ dol a dh’fhaighinn grèim air cluasan an tairbh.

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst

Bha an taigh ann an Surrey, faisg air Cranleigh. Air an dùthaich a bha e, taigh mòr, eireachdail, suidhichte ann am fichead acaire fearainn. Timcheall air, bha gàrradh a bha stèidhichte bho chionn linntean le seann chraobhan agus lianagan rèidh, àlainn air an cumail gu grinn. Bhon gheata mhòr, iarainn, suas gu ruige an doras aghaidh leis na colbhan spaideil, Greugach, bha rathad còmhnard dìreach agus rùm gu leòr air beulaibh an dorais airson treud chàraichean.


Dh’aithnicheadh duine le aon sùil na cheann nach robh an teaghlach leis an robh an taigh gann de dh’airgead, ach cha b’ ann le teaghlach a bha e. Ghluais Rolls Royce glas suas chun an dorais-aghaidh gu rèidh, sàmhach. Thàinig chauffeur agus chamois aige na làimh a-mach agus thoisich e air a shocair a’ glanadh uinneag aghaidh a’ chàir. Bha e greis aig a sin gus an tug e fòn-làimhe à seacaid na deise aige. Goirid às dèidh sin thàinig an duine a-nuas na steapaichean, an duine leis an robh an taigh. Jon Fairly. Jon gun an “h”, ach Slim dhan fheadhainn a b’ fheàrr a dh’aithneachadh e. Cha b’ e gur e seo an aon taigh a bh’ aige, eireachdail ’s gu robh e. Bha taighean aige air feadh an t-saoghail, ann am Paris, New York, Na h-Eileanan Cayman agus iomadach àite eile.


B’ e aon dhe na daoine a bu bheartaiche san dùthaich agus cha robh e ga fhalach ann an dòigh sam bith. ’S ann a bha e pròiseil às mar a bha e air faighinn air adhart na bheatha.

Oisean a’ Ghràmair 1: Notaichean

CAN RI


1. ‘saying to somebody, telling somebody’:


Can rithe nach eil mi a’ tighinn. ‘Tell her I’m not coming.’
Canaidh mi ris nach toil leat uighean. ‘I’ll tell him you don’t like eggs.’
Cha chan mi guth riutha.  ‘I won’t say a word to them.’


2. ‘calling, naming something’:


Canaidh iad An Tunnag ris.  ‘They call him ‘An Tunnag’ (‘The Duck’).
Dè chanas tu ris an òrdaig sin? ‘What do you call that finger?’
Dè chanar ris an òrdaig sin? ‘What’s that finger called?’
Àite rin canar Gleann a’ Mhuirt. ‘A place called Murder Valley.’
Seachdain rin canar A’ Chailleach. ‘A week called the Cailleach.’


Marietta NicPhàil: 
Seachdain rin cainte a’ chailleach”
“a week they used to call the cailleach, a week that was called the cailleach.”


A’ DOL A...


le consan (consonant) m.e. coimhead, dèanamh, milleadh, toirt:


a’ coimhead → a’ dol a choimhead
a’ dèanamh → a’ dol a dhèanamh
a’ milleadh → a’ dol a mhilleadh
a’ toirt → a’ dol a thoirt


le fuaimreag (vowel) / f + fuaimreag, m.e. èisteachd, iarraidh, faighinn,s:


ag èisteachd → a’ dol a dh’èisteachd
a’ faighinn → a’ dol a dh’fhaighinn
a’ fàs → a’ dol a dh’fhàs
ag iarraidh → a’ dol a dh’iarraidh


Bha i a’ dol a choimhead film. ‘She was going to watch a film.’
Dè tha sibh a’ dol a dhèanamh an-diugh? ‘What are you going to do today?’
Chan eil e a’ dol a mhilleadh an latha againn. ‘It’s not going to spoil our day.’
Tha sinn a’ dol a thoirt biadh leinn. ‘We’re going to bring food.’
A bheil sibh a’ dol a dh’èisteachd rium? ‘Are you going to listen to me?’
Bha Màiri a’ dol a dh’fhaighinn norrag. ‘Mairi was going to get forty winks.’
Tha sinn uile a’ dol a dh’fhàs sean. ‘We’re all going to get old.’
Tha Seumas a’ dol a dh’iarraidh bainne. ‘Seumas is going to fetch milk.’


Maletta NicPhàil:
“nuair a bha daoine smaoineachadh gu robh an aimsir a’ dol a dh’ fhàs na b’ fheàrr ’s na bu bhlàithe ’s na bu charthannaich”
‘when people thought the weather was going to get better and warmer and kinder’


Ailig Bhaltois:
“Bha e a’ dol a thoirt an tairbh air ais leis.” “He was going to take the bull back with him.”
“Bha e a’ dol a dh’fhaighinn grèim air cluasan an tairbh.” “He was going to get a grip of the bull’s ears.”


EISIMPLEIREAN le GNÌOMHAIR-GLUASAD (verb of motion) EILE an àite a’ dol
(m.e. chaidh, thèid, thig, falbh):


Chaidh mi a dh’èisteachd riutha. ‘I went to listen to them.’
Thèid mi a dh’iarraidh bainne. ‘I’ll go get milk.’
Thig mi a-nuas a bhruidhinn riut. ‘I’ll come down to speak to you.’
Tha mi a’ falbh a dh’fhaighinn srùbag. ‘I’m going off to get a cuppa.’


Ailig Bhaltois:
“Thàinig e (a dh’aona-ghnothaich) a choimhead.” “He came (specially) to see.”


FAICIBH CUIDEACHD: BEAG air BHEAG 1, Prògram 6 (Puing Gràmair 2).

Abairt na Seachdain

Thèid an dìcheall thar neart

Broadcasts

  • Sun 18 Oct 201521:29
  • Wed 21 Oct 201512:00
  • Wed 21 Oct 201522:00
  • Sun 25 Oct 201510:32
  • Sun 10 Jan 201621:58
  • Wed 13 Jan 201612:00
  • Wed 13 Jan 201622:00
  • Sun 17 Jan 201610:30
  • Sun 18 Apr 202121:30
  • Wed 21 Apr 202112:00
  • Wed 21 Apr 202122:00
  • Sun 25 Apr 202110:30

Podcast