
Episode 62
Geàrr-chunntas air Blàr Loos a thòisich air an 25mh den t-Sultain 1915. A short account of the Battle of Loos with Gilleasbuig MacDonald.
Thòisich iomairt shònraichte an t-seachdain seo ann an 1915 ann an Artois an ceann-a-tuath na Frainge, le Breatainn 's an Fhraing a' dèanamh an oidhirp a bu mhotha fhathast air bristeadh tron a' loidhne Ghearmailtich sa cheàrnaidh sin. Bha na Breatannaich ri dhol an sàs aig Loos-en-Gohelle, beagan tuath air baile-mòr Lens, agus na Frangaich dìreach gu deas air a sin agus ann an sgìre Champagne.
Bha an ionnsaigh air taobh Bhreatainn fo stiùireadh Sir Iain French agus Sir Dùghlas Haig. B' e seo an ionnsaigh a bu mhotha a bha Breatainn air a chur air chois anns a' Chogadh chun a seo, le sia Divisions an sàs sa chiad dol-a-mach is a dhà eile a' toirt taic.
Thòisich Blàr Loos tràth air a' chòigeamh là fichead den t-Sultain 1915 agus tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' toirt dhuinn iomradh air na thachair.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 011015
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 1 Oct 201521:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 2 Oct 201511:50BBC Radio nan Gàidheal
