
Episode 61
An iomairt airson Seirbheis Do-sheachanta a' neartachadh agus an Lydian dha cuir fodha. The campaign for conscription intensifies, and the Lydian is sunk off Dover.
Aig aon uair deug sa mhadainn air an ochdamh latha deug dhen t-Sultain chuir mèinn fodha tràlair Breatannach air an robh an t-ainm Lydian. Aig an àm bha an Lydian air patrol a-mach bho South Foreland, faisg air Dover. B' e dithis dhan chriutha a shàbhail aiste.
Bha Eòghainn MacNeacail a' sgrìobhadh dhachaigh gu phiuthar ann an Griomasaigh agus dragh air mu bhalach eile às a' bhaile aige a bha aig Festubert. Bha Eòghainn MacArtair à Ìle a-mach air biadh san leabahr-là aige agus cluinnidh sinn beagan mun bhiadh a bh' aig na saighdearan an t-seachdain sa bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.
Agus ged a chaidh faisg air dà mhillean gu leth fireannach gu saor-thoileach dhan arm eadar an Lunastal 1914 agus deireadh 1915 cha robh fiùs an àireamh mhòr seo gu leòr airson leigeil leis an rìoghachd an cogadh a chumail a dol. Leis na h-àireamhan a bha tighinn air adhart gu saor thoileach a' sìor dhol sìos ann an naoi ceud is còig-deug, bha an iomairt airson Seirbheis Do-sheachanta a' sìor neartachadh.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 240915
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 24 Sep 201521:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 25 Sep 201511:50BBC Radio nan Gàidheal
