
Episode 51
An soitheach Königsberg dha sgrios agus strì airson Achi Baba ann an Gallipoli. The German cruiser Konigsberg is sunk and another attempt is made to secure Achi Baba in Gallipoli.
Ann am prògram na seachdain sa cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnall mar a thòisich an dàrna seachdain dhan Iuchar 1915 leis an naidheachd gu robh soithichean Breatannach, an dèidh mòran strì, air an t-soitheach Ghearmailteach, an Königsberg a sgrios. Ann an Gallipoli rinneadh oidhirp eile, a' siathamh tè, air Achi Baba, cnoc às a bheil sealladh fradharcach air Ceap Helles, a ghlacadh bho na Tuircich ach an dèidh dà latha de bhlàr b' fheudar dhaibh leigeil às. Chaidh Achd Clàraidh Nàiseanta tro Thaigh nam Morairean air a' cheathramh latha deug den mhìos agus cluinnidh sinn mar a chaidh mèinnearan na Cuimrigh air stailc a dh' aindeoin 's gu robh an Riaghaltas a' cumail a-mach gu robh iad a' briseadh Achd an Àirneis-chogaidh -a' Munitions Act.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 160715
Duration: 10:00
Credits
| Role | Contributor |
|---|---|
| Actor | Artair Donald |
| Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Thu 16 Jul 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 17 Jul 201511:50BBC Radio nan Gàidheal
