
Episode 47
Mar a chaidh dithis Leodhasach sna Gòrdanaich às an rathad aig Ciad Bhlàr Bellewaarde. An account of how two Lewis soldiers from the Gordons died at the Battle of Bellewaarde.
Le cunntas sgrìobht' agus aithris bho dhithis a bha còmhla riutha sa chogadh, tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' mìneachadh air na thachair nuair a chaidh Murchadh MacÌomhair, Murchadh Alasdair Mhurchaidh Alasdair, a bhuineadh do Chol ann an Leòdhas agus Seòras MacSuain, Seòras Iain 'ain Duinn à Garrabost, a mharbhadh san Fhraing, an dithis leis an aon slige. Bha an dithis sna Gòrdanaich.
'S e Ciad Bhlàr Bellewaarde an t-ainm oifigeil airson a' bhatail a chaidh a chuir air an t-siathamh là den Ògmhios 1915 ach tha e glè thric air ainmeachadh air Ypres on is ann san sgìre sin a tha Bellewaarde, faisg air baile Hooge. Nuair a chrìochnaich Dara Blàr Ypres aig deireadh a' Chèitein 1915, chaidh an talamh timcheall tuathanas Bellewaarde fhàgail ann an làmhan nan Gearmailteach. Tha e beagan nas àirde na 'n talamh mun cuairt agus mar sin bha sealladh math aig na Gearmailtich bhuaithe air an sgìre. Bha e cuideachd a' bruthadh na loidhne Bhreatannach a-steach beagan.
Bha arm Bhreatainn airson Bellewaarde a bhuannachd air ais air sgàth sin agus chuireadh ionnsaigh mhòr air chois airson an t-siathamh latha deug den Ògmhios.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 180615
Duration: 10:00
Credits
| Role | Contributor |
|---|---|
| Actor | Artair Donald |
| Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Thu 18 Jun 201521:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 19 Jun 201511:50BBC Radio nan Gàidheal
