
Màiri Ann - an neach-ciùil
"Bhrosnaich is mhisnich i sinn a dhol a sheinn." Màiri NicAonghais a' cuimhneachadh air Màiri Ann. Mairi MacInnes recalls the singing and teaching talents of Mary Ann MacLennan.
Cò bh' ann am Màiri Ann? Bha tè a bhrosnaich agus a mhisnich òigridh ann an Uibhist a dhol gu mòdan ionadail agus nàiseanta gus a bhith seinn nan aonar agus mar phàirt de chòisir anns na 70an. Tè a sheinneadh gu dìcheallach aig iomadach cèilidh is cuirm gu maith na coimhearsnachd, agus tè dha robh spèis mhòr aig muinntir Uibhist airson an obair mhòr a rinn i anns a' choimhearsnachd aca ann an ùine ghoirid.
Chaidh Màiri Ann, a bhuineadh dhan Ghearasdan bho thùs, a dh’fhuireach a dh’Uibhist nuair a phòs i Iain Neillie Eàirdsidh, Iain MacIllFhinnein. Chaidh a fastadh mar neach-teagaisg òrain ann an sgoiltean ceann a deas Uibhist anns na 70an airson an òigridh a bhrosnachadh gus pàirt a ghabhail aig na mòdan.
Shoirbhich gu mòr le clann Sgoil Dhalabroig aig mòdan ri linn Màiri Ann agus bhrosnaich i cuid de sheinneadairean ainmeil às an sgìre cuideachd, cuid aca sin a tha rin cluinntinn an-diugh aig fèisean is cuirmean. Am measg nan seinneadairean bha Màiri NicAonghais, agus tha i seo a' toirt sùil air ais air an obair a rinn Màiri Ann mus do bhàsaich i gu h-aithghearr ann an 1979 's gun i ach 34 bliadhna a dh'aois.
Last on
Broadcasts
- Mon 1 Jun 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 1 Jun 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Jun 201512:58BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 15 Oct 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 15 Oct 201522:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Oct 201509:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 13 Oct 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 14 Oct 202515:30BBC Radio nan Gàidheal
