
Episode 44
Tubaist-rèile mhartbhtach Quintinshill agus HMS Triumph dha cuir fodha faisg air Gaba Tepe. The Quintinshill rail disaster near Gretna and the sinking of HMS Triumph off Gaba Tepe.
Air an dàrna latha fichead den Chèitean, naoi-deug is còig-deug, thachair an tubaist rèile as miosa a thachair a-riamh ann am Breatainn, aig Quintinshill, faisg air Gretna Green. Bhuail còig trèanaichean na chèile, a' fàgail còrr air dà cheud duine marbh, mòrchuid dhiubh saighdearan as an t-Seachdamh Batailian na Royal Scots. Bha iad aig toiseach an turais gu Gallipoli. Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mar a thachair.
Mu mheadhan-latha air a' chòigeamh latha fichead bha HMS Triumph mach bho Gaba Tepe nuair a chaidh a bualadh le torpedo agus lean spreadhadh uabhasach. Chaidh aig HMS Chelmer air mòran dhen chriutha aice a shàbhaladh mus deach i air a cliathaich an ceann deich mionaidean agus bun os cionn leth-uair an dèidh sin. Chailleadh faisg air ceithir fichead duine air HMS Triumph, eileanaich nam measg.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 280515
Duration: 10:00
Credits
| Role | Contributor |
|---|---|
| Actor | Artair Donald |
| Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Thu 28 May 201521:03BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 29 May 201511:50BBC Radio nan Gàidheal
