
Episode 42
B' e Blàr Aubers Ridge air a 9mh là aon de na làithean bu mhiosa aig arm Bhreatainn sa chogadh. The Battle of Aubers Ridge on 9 May resulted in 11,000 British casualties alone.
San Fhaoilleach naoi deug is còig deug bha Breatainn agus a' Fhraing air aontachadh gun toireadh iad ionnsaighean air dà thaobh loidhnichean nan Gearmailteach eadar Flannras agus Verdun sa Fhraing. As t-Earrach bheireadh iad le chèile ionnsaighean aig Aubers Ridge agus Vimy Ridge aig tuath agus bheireadh na Frangaich leotha fhèin ionnsaigh ann a' Champagne aig deas. B'e seo a b'adhbhar dha na blàir mhillteach gun bhuaidh aig Neuve Chapelle, Aubers Ridge agus, ro dheireadh na bliadhna, Loos. Air an naoidheamh latha den Chèitean, chailleadh no leònadh aon mìle deug saighdear Breatannach aig Aubers Ridge, aon de na làithean bu mhiosa bh' aig Breatainn fad a' chogaidh. Bha Iain Ruadh Thormoid, Iain Macleòid à Siabost a Deas am measg na chaidh 'over the top' an là sin agus cluinnidh sinn bhuaithe fhèin mu cho uabhasach agus a bha an là sin.
Tha Seachdain sa Chogadh air a thoirt thugaibh le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 140515
Duration: 10:00
Credits
| Role | Contributor |
|---|---|
| Actor | Artair Donald |
| Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Thu 14 May 201521:03BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 15 May 201511:50BBC Radio nan Gàidheal
