
Iasgairean Sgalpaigh 2/3
A' toirt feadhainn a bha uair ag obair còmhla, ri chèile a-rithist. An-diugh, iasgairean Sgalpaigh. A reunion with former fishermen from Scalpay.
An-diugh cluinnidh ssinnearrann eile dhen a' chòmhradh a bh' aig Tom MacIomhair nuair a thadhail e air Eilean Sgalpaigh ann an 2015 agus a thug e Alasdair MacLeòid, Dòmhnall MacSuain, Dàidh Moireasdan agus Iain Dòmhnallach, a chuir iomadh bliadhna seachad ag obair còmhla ann an gnìomhachas an iasgaich, còmhla a-rithist.
Tha na h-iasgairean uile air an aon ràmh ag aideachadh gur e obair an 'ringnet' aig deireadh na trì ficheadan a b' fheàrr leotha seach iasgach sam bith eile. Tha cuimhneachain mhath aca air na bàtaichean eile a bha ag obair còmhla riutha agus sgeulachdan cuideachd air amannan an uair a bhiodh droch aimsir ann agus nach biodh cùisean a' dol cho math 's a bu mhiann. ' S ann an uair sin a dh'fheumadh foighidinn a bhith aig duine!
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 14 Apr 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 14 Apr 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 19 Apr 201510:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 2 Apr 202009:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 23 May 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 25 May 202220:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 May 202210:00BBC Radio nan Gàidheal