
Iasgairean Sgalpaigh 1/3
1/3 A' toirt feadhainn a bha uair ag obair còmhla, ri chèile a-rithist. An-diugh, iasgairean Sgalpaigh. A reunion with former fishermen from Scalpay.
An-diugh cluinnidh sibh an còmhradh a bh' aig Tom MacIomhair nuair a thadhail e air Eilean Sgalpaigh ann a 2015 agus a thug e ceathrar a chuir iomadh bliadhna seachad ag obair còmhla ann an gnìomhachas an iasgaich, còmhla a-rithist. B' iadsan Alasdair MacLeòid, Daibhidh Moireasdan, Iain Dòmhnallach agus Dòmhnall MacSuain.
Bha Sgalpaigh air àite cho ainmeil 's a bh'ann airson obair an iasgaich aig aon àm agus air leth cliùiteach airson obair an 'ringnet' aig deireadh na trì ficheadan. Tha na seòid a' meòrachadh air na bliadhnaichean mòr a bha iad aig muir agus a' cuimhneachadh air cho trang agus a bha an acarsaid air madainn Diluain, an uair a bhiodh suas ri ceud duine a' fàgail a' chidhe airson am beò-shlàint' a dhèanamh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 7 Apr 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 7 Apr 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Apr 201510:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 1 Apr 202009:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 16 May 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 19 May 202200:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 22 May 202210:00BBC Radio nan Gàidheal
