
Laoidhean is Leughaidhean Nollaig
Laoidhean is leughaidhean Nollaige le teachdaireachd bho Mgr Iain P MacFhionghuin. The Christmas story in readings and carols, with a Christmas message from Fr John Paul MacKinnon.
Tha sgeulachd na Nollaige air a thoirt thugainn tro laoidhean is leughaidhean le Mgr Iain Pol MacFhionghuin a' toirt thugainn teachdaireachd Nollaige.
Anns an t-seirbheis shònraichte seo cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:
Seall an Sneachd' a' Gheamhraidh Fhuar - Còisir Eaglais Naomh Barr
O Thigibh, a Chaomh Shluagh - Còisir Eaglais Naomh Chaluim Chille
Ann am Baile Rìoghail Dhaibhidh - Anna Nic na Ceàrdaich
Tàladh Chriosda - Còisir Eaglais Reul na Mara, Bàgh a' Chaisteil
Leanabh an Àigh - Còisir Sgoil Sir E Scott air an Tairbeart.
A' leughadh tha Anna Nic na Ceàrdaich, Dòmhnall Moireasdan, Angela NicFhionghuin, Dòmhnall MacLeòid agus Catriona Mhoireach.
Last on
Broadcast
- Christmas Eve 201423:35BBC Radio nan Gàidheal