Last on
Clann Romani ann am Poblachd na Seic

A rèir a’ Choimisein Eòrpaich, tha Poblachd na Seic a’ briseadh riaghailtean a tha airson stad a chur air leth-bhreith, seach gu bheil tòrr chlann Romani gan cuir gu sgoiltean do chloinn aig a bheil duilgheadasan-ionnsachaidh nuair nach bu chòir dhaibh a bhith. Bhiodh an leithid de phoileasaidh a’ dol an aghaidh ìrean eadar-nàiseanta airson còraichean-daonna, ma ‘s e is gur e cinnidh a tha ga chleachdadh mar adhbhar. Tha Anne Lundon ann am Poblachd na Seic airson barrachd fhaighinn a-mach.
Romani children in the Czech Republic
According to the European Comission, the Czech Republic are violating laws which are put in place to protect against discrimination, because a large number of Romani children, are often wrongly being sent to schools for children with learning difficulties. The government’s policy would be in breach of the EU’s racial equality directive, as well as international human rights levels, which prohibits discrimination on the basis of ethnic or racial origin. Anne Lundon reports on the issue from the Czech Republic.
Dleasdanas airm air òigridh na dùthcha san Fhionnlann

Tha Calum MacIlleathain anns An Fhionnlann, dùthaich far a bheil dleastanas airm ga chur gach bliadhna air òigridh na dùthcha. Ach ‘s ann air fireannaich a-mhàin a tha an t-uallach seo; faodaidh boireannaich gabhail ris gu saor-thoileach. Gach bliadhna tha beag-chuid ann a dhiùltas an dleastanas seo agus iad air am peanasachadh le bràighdeanas dachaigh neo fiu ’s binn phrìosan.
Youth military conscription in Finland
Calum Maclean is in Finland, where the country’s youth still face military conscription every year. But it is only enforced upon men, women can apply voluntarily. Each year a small number of people object to conscription and are punished with house-arrest or even prison sentences.
Credits
| Role | Contributor |
|---|---|
| Producer | Iona MacRitchie |
| Presenter | Anne Lundon |
| Presenter | Calum Maclean |
Broadcasts
- Wed 17 Dec 201420:30
- Sat 20 Dec 201418:25BBC Two Scotland
- Sat 20 Dec 201423:30
- Mon 22 Dec 201410:30
Podcast
![]()
Eòrpa
Gaelic current affairs reporting on political, social and cultural issues across Europe


