Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 8

Episode 8 of 10

John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air BBC Radio nan Gàidheal.

Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnàthasan-cainnt agus abairtean ann an Gàidhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghràmair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, agus an leabhar Gràmar na Gàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig, gu h-àraid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, bho Robyn Ireland.

John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.

31 minutes

Last on

Sun 8 Mar 201510:31

Tar-sgrìobhadh – Eileanaich: Na Hearadh TX: 16.06.11

Guthan: Hamish Mac An Tàilleir
Marion NicLeòid
Dòmhnall Iain Moireasdan


Ann an 2011, bha BBC Radio nan Gàidheal a’ comharrachadh Bliadhna nan Eilean ann an diofar dhòighean. Chaidh sreath de phrògraman le muinntir nan eilean eadar-dhealaichte a dhèanamh anns an robh iad ag ìnnse dhuinn mu na h-eileanan san deach an togail. Anns a’ chriomag seo tha na h-eileanaich Hamish Mac an Tàilleir, Dòmhnall Iain Moireasdan agus Marion NicLeòid a’ beachdachadh air an eilean aca fhèin, na Hearadh.


Marion: Sìth is sonas saoilidh mi, as fheàrr leam anns na h-eileanan. ’S toil leam, mar gum biodh, bhiodh tu ag èirigh a h-uile là ann a shin is chan eil uallach ort taca ri mar a bhiodh tu anns a’ bhaile mhòr. Mar gum biodh suidheachadh uabhasach socair agad anns na h-eileanan. Dòigh-beatha socair ann. Nan tachradh càil dhut, tha an-còmhnaidh cudeigin ann leis an èigheadh tu, cha dèanadh tu sin sa bhaile mhòr saoilidh mi.


Hamish: Bidh sinn a’ cluinntinn tòrr mu dheidhinn bòidhchead na Hearadh, is tha sinn ga chluinntinn an-diugh ’s dòcha barrachd na bha sinn riamh. Tha luchd-turais a’ tighinn a-staigh, agus chì sinn air an telebhisean is cluinnidh sinn daoine ga mholadh. Ach dhomh fhèin, chan eil ann an eilean sam bith ach cnap-talmhainn neo ’s dòcha cnap-cloiche neo cnap-gainmhich. ’S e a tha a’ dèanamh an eilein dhòmhsa ach na daoine a tha a’ fuireach ann. ’S e sin a tha a’ cur cumadh air, agus ’s e sin a tha a’ toirt bith dha.


Dòmhnall Iain: Oh ’s e.


Hamish: Agus a thaobh na Hearadh, chanainns’ gur e àite a th' ann far am faigh thu aoigheachd, eilean iriosal, eilean tùrail, eilean ciallach. Chan urrainn dhomh gun a bhith ga mholadh! (a’ gaireachdainn) Agus eilean anns an robh tòrr foghlam fada mun tàinig an saoghal gu bhith mar a tha e an-diugh. An t-àite às an tàinig tu fhèin a-muigh an sin, bha e air àite cho foghlamaichte ged a bha e iomallach, àite cho foghlamaichte a bh’ anns na Hearadh, is ma bha, bha e air àite far an robh sluagh cho foghlamaichte ’s a bha san rìoghachd.


Dòmhnall Iain: A bharrachd air sin, tha mi a’ smaoineachadh rud eile a tha cudromach agus ionmholta, ’s e an t-saorsa agus an tèarainteachd a th’ againn. Nuair a bhios mise a’ dol dhan leabaidh air an oidhche, chan eil mi a’ glasadh an dorais fhathast co-dhiù. Agus, tha fhios agad gu bheil thu tèarainte na do dhachaigh is ma tha thu airson a dhol a-mach dha na beanntan neo a-mach dhan a’ chuan neo iasgach neo shealg, tha an saorsa sin agads'. Agus a-rithist, tha e math a bhith a’ coinneachadh ri daoine, ri nàbaidhean is luchd-eòlais, is a’ còmhradh 's a’ conaltradh is fealla-dhà a bhith agad cuideachd.

Tar-sgrìobhadh – Eadar Dà Shaoghal TX: 28.03.14

Guth: Dòmhnall MacLeòid


Criomag bhon phrògram Eadar Dà Shaoghal a chaidh a chraoladh na bu thràithe am-bliadhna. San t-sreath seo, dh’inns’ Dòmhnall MacLeòid, fear a tha aithnichte air Radio nan Gàidheal mar sìc-eòlaiche, sgeulachdan mu làithean-òige ann am Beàrnaraigh, Leòdhas. Sa phìos a tha seo, tha Nollaig a’ teannadh orra. Ged nach eil e buileach a’ tuigsinn nan cleachdaidhean Nollaige air fad fhathast, tha Dòmhnall òg air bhioran.


Dòmhnall:
"Dè cho fada ’s a tha e gu Christmas?" dh’fhaighnich mi dha mo mhàthair.
"Oh, tha e co-dhiù...ceithir mìle", ars ise.
Cha do chòrd e rium gur ann a’ tarraing asam a bha i.
"Huh", ars mise.
"Oh, tha còrr air mìos ann fhathast. Tha an t-seachdain sa, is an tè às dèidh sin is an tè às dèidh sin is an tè às dèidh sin, agus an uair sin, bidh Christmas ann".
Bha a h-uile càil a bh’ ann ga mo chur troimh-a-chèile. Bha catalog làn toys is stuthan Christmas air a thighinn bho Gamages. Ach cho fad ’s a chithinnsa, cha robh Christmas a’ dol a thighinn ann am bith.
Bha an t-sìde fhèin a’ stad. Bha an sgoil cho dòrainneach ris an eaglais is cha robh guth ann an àite seach àite air Christmas. Cha robh mise a’ tuigse dè bu choireach nach robh daoine a’ dol drol a’ feitheamh.
"’S ann aig àm Christmas a thàinig Crìost dhan t-saoghal", thuirt Granaidh.
Bha mise nam laighe air a cùlaibh anns an leabaidh. Cha chuireadh duine sam bith eile an àirde leam aig an àm ud. Bha e tràth, is cha robh càch air dùsgadh.
Bha Antaidh Cairistiòna anns an leabaidh eile, is a h-anail a’ dèanamh an aon fuaim ri srann cat air a dòigh. Bha a’ chuing oirre, ach cha robh e dona an uair sin.
"'S thug na trì daoine glic preusantan do Chrìost, is tha sinne a’ toirt preusantan do chlann an-diugh airson cuimhneachadh air an rud mhìorbhaileach a thachair ann a shin."
A-nise, bha rudeigin ceart agam mu Christmas.
"Dè", arsa mise, "a thug na daoine glic do Chrìost?" Bha làn fhiosam, is mi air a chluinntinn cho tric.
"Uill", arsa Granaidh, "tha am Bìoball a’ cantainn gur e òr is tùis is myrrh a thug iad dha."
Bha fhiosam dè bh’ ann an òr. "Dè th’ ann an tùis is myrrh?" dh’fhaighnich mi.
"Oh tha stuthan ach am biodh fàileadh brèagha san stàball".
Bha sin a’ dèanamh ciall. Gu cinnteach, cha b’ e fàileadh math a bha san seann stàball againne, gu h-àraid nuair a mharbhadh iad caora.
Cha robh còir aig duine dad a chantainn mu fhacal Dhè. Ach dè feum a bh' anns na rudan sin? Dè nan tugadh Santa dhomh saighdear beag òr agus dà bhotal scent? Cha robh mise ag iarraidh ach toys.

Oisean a’ Ghràmair 8

Puing 1: BIDH An tràth teachdail – ‘the future tense’

San àm ri teachd [in the future]:

Bidh mi a’ falbh a-màireach aig a h-ochd.
I will be leaving tomorrow at 8.
Bidh am program ùr a’ tòiseachadh an ath mhìos.
The new program will start next month.


Mar as trice [habitually]:

Bidh mi a’ snàmh dà uair san t-seachdain.
I swim twice a week.
Am bi thu a’ tighinn an seo tric?
Do you come here often?


Puing 2: BHIOS


Bidh (no Bithidh)BHIOS (no BHITHEAS)
às dèidh Cò, Dè, Ciamar a , Cuin a, Carson a:

bhios ann?
Who’ll be there?
bhios tu* a’ dèanamh?
What will you be doing?
Ciamar a bhios tu* a’ siubhal?
How will you be travelling?
Cuin a bhios sibh a’ falbh?
When will you be going away?
Carson a bhios iad a’ stad?
Why do they stop?

* As dèidh bhios/bhitheas, thu → TU.

Gheibhear bhios às dèidh Ma (‘if’) agus a (‘which/who’) cuideachd:

Ma bhios tu saor a-màireach, leig fios dhomh. 
If you’re free tomorrow let me know.
Seo am fòn-làimhe a bhios mi a’ faighinn.
This is the mobile I’ll be getting.


–AS


Gheibhear – as leis a’ mhòrchuid de ghnìomhairean [verbs] eile cuideachd.
Mar eisimpleir:

Dè ghabhas tu?
What will you have (to drink or eat)?
...cho luath ’s a ghabhas
...as soon/ as quickly as possible
Ciamar a chanas tu sin ann an Gàidhlig?
How do you say that in Gaelic?
Ma chluinneas tu fuaim sam bith, teich!
If you hear any sound, run for it!
Cò leughas e?
Who’ll read it?


Puing a bharrachd:


Tha àireamh bheag de ghnìomhairean (verbs) cumanta aig nach eil –idh no –as idir san tràth theachdail:

thig a-màireach?
Who’ll come tomorrow?
Thig an teaghlach air fad.
The whole family will come.


Gheibh thu do dhonas airson seo!
You’ll get hell for this!
Dè gheibh thu air a shon?
What will you get for it?


Thèid sinn ann còmhla.
We’ll go together.
Ciamar a thèid thu ann?
How will you go there?


sinn rudeigin feasgar.
We’ll do something this afternoon.
Ma nì thu sin,...
If you do that,...


Bheir mi leam cèic agus botal fìon.
I’ll bring cake and a bottle of wine.
Cuin a bheir thu dhomh an t-airgead?
When will you give me the money?

Abairt na Seachdain

An t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach

Broadcasts

  • Sun 7 Dec 201421:30
  • Wed 10 Dec 201412:03
  • Wed 10 Dec 201422:00
  • Sun 14 Dec 201410:30
  • Sun 1 Mar 201521:30
  • Wed 4 Mar 201512:03
  • Wed 4 Mar 201522:00
  • Sun 8 Mar 201510:31

Podcast