
Episode 6
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air BBC Radio nan Gàidheal.
Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnàthasan-cainnt agus abairtean ann an Gàidhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghràmair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, agus an leabhar Gràmar na Gàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig, gu h-àraid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, bho Robyn Ireland.
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.
Last on
Clips
![]()
Beag air Bheag: Sreath 1: Prògram 6
Duration: 26:18
![]()
Tar-sgrìobhadh: Na Lìogs
Duration: 02:00
![]()
Tar-sgrìobhadh: Iain Òg Ìle
Duration: 01:36
![]()
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 08:10
Tar-sgrìobhadh Iain Òg Ìle: Dὸmhnall Uilleam Stiubhart
Sin mar a thòisicheas fear de na cruinneachaidhean sgeulachdan a bu mhotha, a b’fheàrr agus a b’ainmeile a chuireadh ri chèile a-riamh. Neamhnaid litreachas shluaghan an t-saoghail agus b’ann bho Gàidheil na h-Alba a chaidh a sgrìobhadh siòs. Ach cha deach ceithir leabhraichean 'Popular Tales of the West Highlands' a chuir ri chèile le fear bhon mhòrshluagh idir. Fada bhuaithe! Thogadh Iain Frangan Caimbeul, neo Iain Òg Ìle, mar a b’fheàrr a dh’aithnichear a-measg nan Gàidheal, ann an taigh mòr Ìle, mar oighre an uachdarain. Chaidh e gu Colaiste Eton agus Oilthigh Dhùn Èideann mus deach e sìos a Lunnainn ag obair ann an sin dhan Phàrlamaid agus dha Cùirt Rìoghail na Banrighinn Bhictoria. Ach cha do chaill e a-riamh a spèis dhan chànan a dh’ionnsaich e na òige, Gàidhlig na h-Alba.
Is mise Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus anns an t-sreath ghoirid a tha romhainn tha mi ag ionnsachadh mu leabhraichean 'Popular Tales of the West Highlands', mu na daoine iongantach a dh’innis na sgeulachdan, mu na daoine dìcheallach a sgrìobh sìos iad agus gu seachd àraid mun an duine iongantach a chuir na 'Popular Tales' ri chèile. Duine a choisinn cliù dha fhèin cuideachd mar sgrìobhaiche-siubhail agus mar neach-saidheans. Ach dè a thug air mac duine uaisle ùidh a ghabhail ann am beul-aithris nan Gàidheal? Airson barrachd fhaighinn a-mach chaidh mi gu eilean a' bhreith agus àraich.
Tar-sgrìobhadh: Na Liògs le Ailig O’Henley
Ailig: An seo ann an Eirisgeigh bha am maighstir-sgoile ionadail Dòmhnall Dòmhnallach gu mòr an sàs ann a bhith a’ruith na sgioba ionadail agus mar a tha a’ mhac Niall a’ cuimhneachadh cha robh e daonnan furasta sgioba fhaighinn ri chèile. A Nèill, nuair a bha sibhse a’ fàs suas ma tha agus ur n’athair os cionn na sgioba, bha ball-coise gu mòr mar phàirt dheth ur beatha a’ fàs suas an seo an Èirisgeigh.
Niall: Oh, gu dearbh bha. ‘S e àite gu math beòthail, trang a bh’ann an Èirisgeigh sna bliadhnachan a bha sin bhon bha na balaich, bha tòrr mòr dhe na gillean air an eilean bha iad ag obair air an sgadan. 'S marsin bha gu leòr dhiubh a bha dèidheil air a’ bhall-coise agus bha gu leòr dhe na balaich a bha sin ‘s e balaich òga a bh’ unnta air fad. Chanainnsa gu robh suas ri dà fhichead gu leth-cheud ag obair air sgadan aig an àm sin. Agus bhiodh iad a-muigh fad na seachdain o Diluain gu Dihaoine, Disathairne agus ‘s e Didòmhnaich an là mòr a bh’aca airson a’ bhall-coise. A-nis, feumar a chuimhneachadh, ann an naoi ceud deug trì fichead, nach robh telebhisean neo dad eile de dibhearsain an seo an Èirisgeigh. Cha robh sinn a’ siubhal a dh’àite, cha robh sinn ach air an eilean an seo agus ‘s e am ball-coise an dibhearsain a bha a’ còrdadh ris na daoine, ris an òigridh air fad. Agus dìreach mun àm sin nochd sagart òg air an eilean, Mgr Aonghas MacCuithein agus bha esan gu mòr a’ brosnachadh na gillean cluichd, ach cha robh e furasta a chionn 's gu robh na gillean aig muir fad na seachdain agus ’s e sin aon adhbhar gur ann air Didòmhnaich a bha na geamannan. Mar a bha Èirisgeidh cuideachd aig an àm , feumaidh sinn cuimhneachadh gur e eilean a bh’ ann, cha robh cabhsair neo dad dheth sin ann! Ach, gu dearbha, tha mi a’ smaoineachadh, anns na leth-cheud bliadhna a tha air a bhith ann, tha mise a’ smaoineachadh gu bheil Èirisgeigh air a bhith san Lìog a h-uile bliadhna on a thòisich iad ann an trì fichead agus tha sinn gu math pròiseil às an sin air an eilean.
Oisean a’ Ghràmair 6
Puing 1: A’ dol a dh’àite (going to a place)
a = do/dha
Cuin a tha thu a’ dol a Ghlaschu? to Glasgow.
Tha mi a’ dol aDhùn Èideann a-màireach. to Edinburgh
Tha mi a’ dol aBharraigh. to Barra
Tha mi a’ dol aChill Rìomhainn. to St Andrews
Tha mi a’ dol aShasainn. to England
Tha mi a’ falbh aChanada. to Canada
Bidh a a’ sèimheachadh ainmear ri thaobh (faic na seantansan shuas).
Le fuaimreag, bidh a a’ dol gu a dh’:
Tha mi dol adh’Ulapul. to Ullapool
Thàinig iad adh’Alba. to Scotland
Thèid mi a dh’Èirinn. to Ireland
Ma tha an t-ainm deimhinne ( = le ‘the’), cleachdar do/dha :
Tha mi a’ dol don/dhan Òban. to Oban (‘to the little bay’)
Tha mi a’ falbh don/dhan Ghearmailt. to Germany (‘to the Germany’)
Tha mi a’ dol do/dha na Stàitean. to the States
Thèid sinn do/dha na h-eileanan. to the isles
Puing 2: A’ dol a dhèanamh rud (going to do something)
Airson seo a ràdh, cluinnear an aon phàtran is a bha ann am Puing 1, ach le gnìomh (action) an àite ainm-àite:
Tha mi a’ dol a dhèanamh seo. ‘… going to do this’
A bheil thu a’ dol a ghlanadh do sheòmair? ‘… going to clean your room’
A bheil thu a’ dol a thogail nan truinnsearan?‘… going to pick up the plates’
Chan eil mi a’ dol a dh’èisteachd ris. ‘… going to listen to it’
A bheil thu a’ dol a dh’ithe sin? ‘… going to eat that’
Cleachdar seo cuideachd le gnìomhairean-gluasaid (verbs of motion) eile, mar eisimpleir:
Thèid mi a dh’iarraidh bainne.
Thàinig iad a dh’èisteachd riut.
Dh’fhalbh sinn a thogail mo phàrantan aig an stèisean.
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 23 Nov 201421:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 26 Nov 201412:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 26 Nov 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Nov 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 15 Feb 201521:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 18 Feb 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 18 Feb 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Feb 201510:30BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.


