Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 5

Episode 5 of 10

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air BBC Radio nan Gàidheal.

Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnàthasan-cainnt agus abairtean ann an Gàidhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghràmair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, agus an leabhar Gràmar na Gàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig, gu h-àraid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, bho Robyn Ireland.

John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.

30 minutes

Last on

Sun 15 Feb 201510:30

Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne: Smuain na Maidne aig Donna Barden

Donna: Tha sinn uile eòlach air na sanasan-reic airson gach potion is lotion ùr a th’ ann airson ar craiceann a chumail òg agus bòidheach. Tha iomadach duine againn air an glacadh le na sanasan-reic soirbheachail a bheireas oirnn gach nì mar seo a cheannach. ’S ann an-còmhnaidh airson taobh a-muigh ar corp a tha na sanasan-reic mar as trice. Cha chluinn sinn guth mun taobh a-staigh. Tha an taobh a-muigh ri fhaicinn, ach tha an taobh a-staigh neo-fhaicsinneach. Chan eil ar taobh a-muigh ach airson ùine ghoirid, ach tha ar taobh a-staigh ann gu sìorraidh. Tha dotairean ag innse dhuinn às dèidh aois aon air fhichead gu bheil ar cnàmhan a’ fàs pronn agus ar craiceann a’ fàs aosta. An dèidh aois trithead, tha iad ag innse dhuinn gu bheil sinn a’ call mìltean de cells eanchainn gach latha. Tha sinn cuideachd a’ cur oirnn cuideam ann an diofar àitean de ar corp nach robh mar tha. Faodaidh sinn aois a shabaid ach cha bhuannaich sinn. Faodaidh sinn airgead agus tìde a chaitheamh air ar taobh a-muigh le eacarsaich, botox, tucks, lifts, tans is gach dòigh eile, ach mar a chluinneas sinn gu tric, cha tig an aois leatha fhèin, as bith dè nì sinn, neo dè an airgead a chaitheas sinn. Tha iomadh slat-tomhais againn airson ar taobh a-muigh, scales agus sgàthanan is eile. Ach, dè an slat-tomhais a th’ againn airson ar taobh a-staigh? An taobh as cudromaiche?

Tar-sgrìobhadh: Mac'illeMhìcheil: Murchadh Caimbeul a’ còmhradh ri Iain Mac'illeMhìcheil: TX: 06/06/14

Iain: Sa bhùth aca fhèin, bha iad a’ reic botail uisge-bheatha air sia mìle not is còrr is sia mìle not.
Murchadh: Aye, tha sin ceart. Rud a tha iad a’ dèanamh an-diugh, tha iad a’ dèanamh na h-uiread de dh’aon seòrsa, agus chan eil iad a’ dèanamh ach a bheag dhiubh. Agus leis a sin, mar as lugha a nì thu dhiubh, ’s ann as motha a bhios a’ phrìs. Agus tha sin a’ cur a’ phrìs an àird, agus daoine aig a bheil ùidh ann, tha iad ga cheannach, agus tha mi a’ creidsinn gu bheil gu leòr aca ga cheannach is nach òl iad riamh e. Tha iad ga chumail airson gun tèid e an àrd ann an luach anns na bliadhnaichean a tha romhainn. Agus tha fiù ’s cuid dhiubh sin nach òl boinne de dh’uisge-beatha, ach tha iad ga chruinneachadh a dh’aona-ghnothaich a chionn tha fhios aca gum bi luach ann.
Iain: A bheil thu fhèin ga chruinneachadh?
Murchadh: Tha beagan agam.
Iain: An tèid agad air a chumail?
Murchadh: Thèid! (gàireachdainn)
Iain: Uill, ’s e an t-eagal a bhiodh ormsa nam biodh botal dhen t-seòrsa sin am broinn an taighe, is nan tigeadh oidhche shònraichte agus gum fosgladh tu e!
Murchadh: Ach, feumaidh tu a chumail air falach ge-tà!
Iain: Ort fhèin!
Murchadh: Seadh!


Murchadh: Tha cuimhne agamsa bliadhnaichean air ais mo mhàthair-chèile a bhith a’ fuireach a-staigh againn agus bha sinne air falbh. Tha mi a’ smaoineachadh gun robh mi fhèin is a’ bhean agam san Eilean Sgitheanach, agus thàinig nabaidh a-nall a chèilidh oirre, is thug i dhi drama, ma b'fhìor dhi fhèin de bhodca bha i a’ smaoineachadh a bh’ ann. Bha e anns a’ bhotal a tha seo, agus cha robh ann ach dìreach mar gum biodh bhodca a’ coimhead. Agus, thuirt i riumsa agus mi air a’ fòn thuice, "Bha blas uabhasach neònach air" o chionn, rinn iad lemonade anns an inneal a bha seo, agus chuir iad ann e, agus bha i a’ smaoineachadh gun robh blas uabhasach neònach air ach bha i a’ smaoineachadh gur e ’s dòcha an lemonade a bha a’ cur a’ bhlas air. Agus thuirt mi rithe, "Dè am botal a bh’ ann?" agus dh’fhosgail i am preasa is thug i a-mach e, is thuirt i, "Botal Cossack". "Uill", ars' mise, "’s e caochan a tha sin". Agus, ’s ann às Èirinn a bha e. Bha nabaidh dhòmhsa ann an Èirinn, agus chuir e thugam botal dheth, agus bheireadh e an amhaich asad ga òl.
Iain: Tha e mar poitín!
Murchadh: Dìreach, ’s e poitín a bh’ ann, ’s e. Cha b’ e caochan a bh’ ann, ’s e caochan a chanadh sinne.
Iain: ’S e ’s e, caochan. ’S aithne dhomh am facal.
Murchadh: ’S e poitín a bh’ ann.
Iain: Bha a’ chailleach a’ dalladh air! (gàireachdainn)

Oisean a’ Ghràmair 5

Puing 1:


Aig deireadh an latha, chan eil e gu diofar. ‘the end of the day’
Chaill sinn toiseach a’ phrògraim. ‘the start of the program’
A bheil thu a’ faicinn grunnd na mara? ‘the bottom of the sea’
Coinnichidh mi riut aig meadhan na ceàrnaig. ‘the middle of the square’
Bha fuaim na trafaig uabhasach. ‘the noise of the traffic’
Ionnsaichidh tu mu eachdraidh an eilein. ‘the history of the island’
Cuimhnich gun dùin thu doras a’ gharaids. ‘the door of the garage’
Èistibh uile ri Radio nan Gàidheal! ‘the radio of the Gaels’


Thoir an aire:
(i) chan eil facal airson ‘the’ a’ nochdadh aig toiseach na h-abairt
(ii) chan eil facal airson ‘of’ a’ nochdadh eadar an dà ainmear.


Puing 2:


Airson bruidhinn air uimhir no suim (amount), no pàirt de rud, cleachdar am facal de no dhe airson ‘of’:


cuid de/dhe na daoine
mòran den/dhen airgead
beagan den/dhen phrògram
còig de/dhe na dealbhan


Thoir an aire gu bheil de/dhe a’ sèimheachadh ainmear ri thaobh:


cuid de/dhe dhaoine


de + mi, thu, etc.:


dhìom ‘of me’ dhinn ‘of us’
dhìot  ‘of you’ dhibh  ‘of you’ (plural)
 dheth ‘of him / it’ dhiubh ‘of them’
 dhith ‘of her / it’

mòran dheth beagan dhith cuid dhinn còig dhiubh.


Anns an iolra (plural: ‘of us/ of you / of them’), cluinnear cuideachd aig airson de:
cuid againn: ‘some of us’
tòrr agaibh: ‘plenty of you’
feadhainn aca: ‘some of them’

Abairt na Seachdain

An doras air an tig amharas a-steach, thèid gràdh a-mach.

Àdhamh Ó Broin le Iain Urchardan: Gàidhlig Dhail Riata

IDU: Cùin a thòisich thu ag ionnsachadh na Gàidhlig?


ÀÓB: Ó nist, ‘s ann bho cheann (chionn) deich bliana uile gu léir, bhon a thóisich mi ann an dà mhìle agas ceithir.


IDU: Agus dé thug ort Gàidhlig ionnsachadh anns a’ chiad dol-a-mach?


ÀÓB: Le bhith ag innseamh na fìrinne, ‘s e gu robh ùidh cho mór agam ann an Albainn air fad; anns an eachdraidh agas ann an ainmean-àite agas ann an òrain agas rud sam bith co-cheanailte ris a’ Gháidhlig, (á/Ƹ/ - as English "get") bha ùidh fìor mhór agam; agas cuideachd, bha ùidh aig mo sheanmhair agas dh’innis ise dhomh gu robh Gáidhlig aig ar sinnsearan ann an Gallaibh agas Cataibh, ach thubhairt i cuideachd nach d’ fhuair a’ chlann a’ Gháidhlig, cha robh na h-inbhich a’ bruidhinn na Gáidhlig ris a’ chloinn agas mar sin, chaill sinn a’ Gháidhlig ás an teaghlach mar a their tu ‘s mar sin, thug sin orm, mar a their tu, miann a’ Gháidhlig ionnsachamh.


IDU: Agus dé na dòighean a chleachd thu airson Gàidhlig a thogail?


ÀÓB: Chleachd (dh'ùisnich - normal form for "used") mi rud sam bith air am b’ urrainn dhomh greim fhaodainn (fhaighinn), le bhith ag innseamh na fìrinne, leobhraichean sam bith, bha mi, mar a their tu, ag amhrac (coimhead) air Speaking Our Language, ag éisteachd ris an réidean cuideachd. A h-uile rud a bh’ ann aig an àm agas ‘s e rud a th’ ann a tha math, tha tuilidh (tuilleadh) an a-nis bha bh’ ann aig an àm sin, ach, co-thiù (co-dhiù) aig an àm sin, bha e fada na b’ fheàrr na bha e bho cheann fichead bliana, ‘s mar sin tha na goireasan air son a’ chànain ionnsachamh (ionnsachadh - all -adh verbs in Dalriada Gaelic end in -amh), tha ‘d air fàs, mar a their tu (mar gum biodh - equivalent "filler phrase"), nas fheàrr ‘s nas fheàrr agas na blianaichean a’ dol seachad.


IDU: Agas dé an dreuchd a th’ agad?


ÀÓB: Tha mi dìreach air an dreuchd agam a leigeil seachad, bho cheann beagan laithean a-nis ‘s bha mi ag obair air iomairt, mar a their tu, ‘s e dealbh a bh’ ann, film, Outlander, ‘s e sreath Aimèaragach a th’ ann agas tha sè prógraman deug ann – agas ‘s e "sè" a their sinne, seach "sia" coltach ri Éirinn - agas tha e air a stéidheachamh anns an ochdamh linn deug.


IDU: A bheil thu a’ sùileachadh leantainn ort ann an obair Ghàidhlig?


ÀÓB: Och gu dearbh, tha gu leòr de ghnothaichean agam a’ dol. Bhitheamh (bhiodh/bhitheadh - Dalriada form) e do-dhèanta air fad crìoch a chur air obair ann an Gáidhlig, bhon, bithidh mi a’ bruidhinn na Gáidhlig fad na h-ùine anns an taigh leis a’ chloinn agam ‘s mar sin air aghaidh (air adhart) agas tha uiread iomairtean agam. B’ fheudar dhomh stad a chur orra agas mi ag obair aig Outlander ach tha mi a’ dol a dh’fheuchainn a-nis a bheil gin dhiucha (dhiubh) fhathast beò.


IDU: Dé na diofar obraichean?


ÀÓB: Bha mi agas tha mi fhathast a’ feuchainn ri ath-bheòthachamh a thoirt air an dualchainnt agam, Dail Riata, mar a their mise ris; Comhghall ‘s Taobh Loch Fìne, Cnapdail, Cille Mhàrtainn, Creag-innis, Taobh Loch Obha, na h-àiteachan sin, ‘s e a’ Gháidhlig a bh’ aca ann an sin, ‘s e a’ Gháidhlig a bha sinn ag ràdh, chan e a’ Ghàidhlig agas an dualchainnt a bh’ againn ann an sin, chan eil ach an aon duine a-nis, ‘s urrainn dha a bruidhinn, ach mi fhé (fhèin - final 'n' almost never sounded) ‘s an teaghlach agam, ‘s mar sin tha mi a’ feuchainn ri ath-bheòthachamh a thoirt air sin agas an ceartair tha mi ag iarraidh làrach-lìn a stéidheachamh leis a h-uile goireas, a h-uile clàran de na sean-daoine agas fiosrachamh air ainmean-àite agas òrain agas bàrdachd ‘s a h-uile gnothaichean ás an dùthaich sin a thoirt còmhla gus am bith cothrom aig daoine a tha ag iarraidh beagan Gáidhlig Arra-Gháidheil ionnsachamh dol thun (chun) an làrach-lìn sin.


IDU: Nise, chanadh cuid, ma tha na dualchainntean sin air crìonadh gun dòcha gu bheil iad a’ dol am bàs. A bheil thusa dòchasach gun téid agaibh air ùrachadh a thoirt air na dualchainntean seo dhà-rìreamh?


ÀÓB: Gu dearbh, tha. Tha mise a’ smaoineachamh gu bheil, mar a their tu, na tha gu ìre ceàrr an ceartair (an-dràsta) ‘s gu bheil daoine a’ smaoineachamh air dé a théid a dhèanamh aig ìre an riaghaltais, no aig ìre Bòrd na Gàidhlig, no aig ìre nan sgoil, no gnothaichean mar sin agas tha sin uile cudromach, ach ‘s e rud a tha daoine... a tha ‘d a’ dìochuimhneachamh air, ‘s e gum feum tu misneachd a stéidheachamh ann an cridhean dhaoine, gus an tóisich ead air dol thun a’ Gháidhlig ionnsachamh, no thun dualchainnt ionnsachamh agas ré m’ eòlais dheth gu ruig seo nuair a tha mise a’ tachairt ri daoine agas tha mi a’ mineachamh dhaibh mar a bha tuilidh air dà chiad dualchainnt ann an Albainn agas tha mi a’ sealltainn dhaibh no a’ feuchainn co-thiù no gan cuideachamh... sealltainn dhaibh far a bheil na ceanlaichean aca fhé ris na h- àiteachan far an deachaidh an togail no gnothaichean mar sin, nuair a tha daoine a’ faicinn gu bheil na thachras air a’ Gháidhlig, ‘s ann aca fhé a tha sin agas tha cothrom aca-san, mar a their tu, buaidh a thoirt air sin aca fhé agas cha ruig (leig) ead leas feitheachd (feitheamh) ri daoine eile rud sam bith a dhèanamh. Tha a’ chumhachd aca-san, mar a their tu, a bhith a’ rannsachamh an dualchais aca fhé. ‘S e rud mór, làidir a tha sin. Shin na tha mi a’ feuchainn.


IDU: An innis thu dhuinn dé tha Gàidhlig a’ ciallachadh dhut fhéin gu pearsanta?


ÀÓB: Cha mhór nach e a’ Gháidhlig a tha ga mo chumail a’ dol air fad. Nuair a tha mi car... a’ dùsgamh car dubhach anns a’ mhadainn, cha ruig mi leas ach a bhith ga bruidhinn ris a’ chloinn agam ‘s an sin tha mi cho toilichte, cho sona ri bròg. Tha e cho furasta ri sin.


IDU: Nise: dé am facal Gàidhlig as fheàrr leat?


ÀÓB: Am faod mi dà a thaghamh?


IDU: Tha mi a’ smaoineachadh chionn gur tusa a th’ ann, faodaidh!


ÀÓB: Ceart! Tha h-aona dhiucha, bithidh mi ga ùisneachamh (cleachdadh - cleachdamh means "practicing" while "using" is ùisneachamh) fad na h-ùine agas ‘s e sin am facal "gasta". Agas ‘s e facal cho mór ann an Arra-Gháidheal. Bithidh sinn ga ùisneachamh fad na h-ùine. A h-uile rud a tha a’ dol, tha e gasta! Am facal eile, agas tha mi am beachd gun e facal dìreach gasta air fad a tha seo, agas ‘s e sin nuair a tha cuideigin, tha ‘d car duilich na dhòigh, tha ‘d car sabaideach, no theagamh ('s dòcha) chan eil ead ag iarraidh éisteachd ri duine sam bith eile, tha ‘d car doirbh na dhòigh, ‘s e am facal a th’ againn air sin "stallachdach".


IDU: Tha mi a’ tuigsinn.


ÀÓB: Tha mi am beachd gun e facal air leth a tha sin air fad, "stallachdach". Seamh.


IDU: Agus am bith thu fhéin stallachdach uair sam bith?


ÀÓB: Ó, tuilidh na h-aon uair a tha mise air a bhith stallachdach... tha eagal orm a ràdh.


IDU: Nise: an innis thu dhomh cuideachd aon rud sònraichte no inntinneach mu do dhéidhinn fhéin?


ÀÓB: Mar a thubhairt mi, chan eil ach an aon duine a-nis a tha a’ bruidhinn na dualchainnt agas nuair a bha ag ionnsachamh na Gáidhlig, fhuair mi thun ìre far an robh mi fileanta gu leòr an déidh (as dèidh) trì no ceithir blianaichean agas b’ urrainn dhomh còmhradh a chumail gu glé cheart. Ach an déidh sin, bha mi a’ faicinn rathad eile ann agas leis gun deachaidh mo thogail ann an Comhghall ann an Arra-Gháidheal (Earra-Ghàidheal - the "E" is never pronounced amongst Argyll's own speakers) , bha mi a’ smaoineachamh rium fhé: “saoil a bheil duine sam bith air fhàgail a tha ga bruidhinn fhathast?” Cha d’ fhuair mi ach an aon duine ann an Ceann Loch Gilb ach ann an Sgoil Eòlais na h-Albann bha gu leòr de sheana chlàran a chaidh a dhèanamh anns na lethcheadan, ‘s na trì-ficheadan ‘s na seachdadan agas chaidh mi air ais agas fhuair mi leth-bhreacan de na clàran sin ‘s an sin laigh mi nam leabaidh a h-uile oidhche ag éisteachd ri na sean-daoine agas shin (sin) agad car-son a tha an seòrsa seana dhòigh orm agas mi a’ bruidhinn, bhon (oir), chan eil mi air a bhith a’ bruidhinn ri ach mo chlann agas na sean-daoine air fad, ‘s e sin e, ‘s e sin a th’ ann, chan eil... cha bhith ead (iad - often sounded strongly/ƸT/never/iaT/so best spelled accordingly) a’ bruidhinn air ais rium-sa bhon, gu mi-fhortanach, tha ‘d uile marbh a-nis, ach shin na guthan a tha a’ dol nam inntinn nuair a tha mi a’ driveamh (carbadaich - our form; "drive" used for clarity's sake) no a’ cóiseachd no... ‘s e na.... guthan nan sean-duine á Arra-Gháidheal, ‘s e.


IDU: Ann an dòigh ge-tà, tha iadsan agus an dualchas aca beò air sgàth agus gu bheil thusa a’ giùlan na rudan prìseil sin....


ÀÓB: ‘S e, tha mi an dòchas gun e sin a th’ ann, bhon nuair a tha daoine ag ionnsachamh na cànain, tha mise a’ faicinn gu bheil ead ag ionnsachamh nam facal, ach chan eil ead ag ionnsachamh na dòigh a bh’ air na sean-daoine agas corra dhaoine a tha co-aoiseach rium fhé, their (can) ead "tha usa colta’ ri sean-duine, tha u mar bhodach", fhios ‘ad? Ach nuair a tha mi a’ bruidhinn na Beurla, well I speak Glaswegian English ‘s mar sin, tha e gu tur eadar-dhealaichte agas tha sin a’ cur an eagail air daoine, tha giorag orra ‘s tha ‘d ag ràdh: “Gu dé tha.... dé tha a’ dol ann an seo? ‘S e seòrsa measgachamh neònach a tha seo ach ‘s e measgachamh fìor Albannach tha mise am beachd.


IDU: Fìor mhath.


ÀÓB: Ceart.


IDU: Bha mi a’ smaoineachadh an-dràsta, dha na neach-ionnsachaidh an-dràsta a tha ag éisteachd agus air an dì-mhisneachadh, a’ faireachdainn: “Ò, chan eil mise math gu leòr, chan eil an comas agam...


ÀÓB: Seamh.


IDU: Ò, chan eil mi math air gràmar, tha mi dìreach gu sgéile. Dé chanadh tu?


ÀÓB: Theirinn gun (gur - common in Dalriada) ann leat-sa a tha a’ chànain agas chan eil e na ghnothach (chan eil e gu fiodar) ma tha leth dusan facail agad no leth-mhìle facail agad, cho fad ‘s a chumas tu a’ dol ‘s a chumas tu sin nad inntinn gun ann leat-sa a tha a’ chànain agas gu bheil còir agad-sa a bruidhinn. Chan urrainn dhomh móran eile a ràdh, ach gu bheil còir agad a bruidhinn agas ‘s e a’ chomhairle a th’ agam-sa gun téid agad Gáidhlig ionnsachamh. Tachraidh e. Chan fheum sibh ach cumail oirbh-se fad na h-ùine. Aon uair gu bheil sibh a’ mothachainn (faireachdainn - "feeling" in Mid and South Argyll) nach tachair e, cuir earbsa annam nuair a tha mi ag ràdh: “Tachraidh e”. Agas cuideachd, rud gu math cudromach: nuair a gheobh sibh thun na crìche nuair a tha sibh a’ smaoineachamh gu bheil sibh fileanta, ach ma tha fhathast facail de Bheurla a-staigh anns a’ chainnt agaibh no tha sibh fhathast ag ùisneachamh ghnàthasan-cainnte na Beurla ach le facail Gháidhlig air a thoirt seachad, feuch a-rithist air sealltainn ri bàrdachd, ag éisteachd ri òrain, bruidhinn ri sean-daoine air son na gnàthasan-cainnte, mar a their tu, a tha a’ tighinn ás a’ chànain fhé ionnsachamh, bhon tha beàrtas nas motha ‘s nas bòidhche, mar a their tu, a’ feitheachd ruibh ma tha sibh air son feuchainn air sin, shin agad e.


IDU: Àdhaimh, ‘s e adhbhar-taingealachd a bh’ ann a bhith a’ bruidhinn riut an-diugh. Móran taing!


ÀÓB: Ó ceart, chòrd e rium gu mór, gu robh móran math agaibh!

Broadcasts

  • Sun 16 Nov 201421:30
  • Wed 19 Nov 201412:03
  • Wed 19 Nov 201422:00
  • Sun 23 Nov 201410:30
  • Sun 8 Feb 201521:30
  • Wed 11 Feb 201512:03
  • Wed 11 Feb 201522:00
  • Sun 15 Feb 201510:30

Podcast