
Episode 1
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air BBC Radio nan Gàidheal.
Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnàthasan-cainnt agus abairtean ann an Gàidhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghràmair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, agus an leabhar Gràmar na Gàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig, gu h-àraid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, bho Robyn Ireland.
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Clips
![]()
Beag air Bheag: Sreath 1: Prògram 1
Duration: 26:35
![]()
Tar-sgrìobhadh: Mac'illeMhìcheil
Duration: 00:48
![]()
Tar-sgrìobhadh: Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Duration: 01:08
![]()
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 04:37
Iain Urchardan

Tar-sgrìobhadh – Litir chun an t-saighdeir gun ainm Tx 22.07.14 - Sìne NicLeὸid
An tritheamh là den Ìuchar , 1915
Uilleam a ghràidh,
Ceud taing airson an crom-lus a chur thu thugainn bho 'no man’s land'. Tha i gu math prìseil dhuinn agus tha i ga do thoirt gu ar smuaintean.
Bha e math litir fhaighinn bhuat an là eile. Bidh sinn a’ gabhail dragh nuair nach eil sinn a’ cluinntinn càil. Tha uiread de dhaoine sa choimhearsnachd a’ faighinn droch naidheachd na làithean seo agus chan eil e furasta do dhuine sam bith. Tha e duilich dhuinn a bhith air ar sgaradh bhuat ach tha iomadach teaghlach anns an aon suidheachadh rinn, agus feumaidh sinn gabhail ris agus ar earbsa a chur ann an Dia gun till thu air ais slàn sàbhailte thugainn. Tha do phiuthar bheag a’ fàs mòr a h-uile là. ‘S e a co-là breith a bh’ ann an-dè, mar a bhios fios agad agus chuir i seachad an là mòr shiòs còmhla ri a seanmhair air a bheil i fhèin agus tu fhèin cho dèidheil. Tha an dithis aca ann an sunnd math agus a’ gabhail do naidheachd.
Tar-sgrìobhadh Mac'illeMhìcheil: Mark Wringe a’ còmhradh ri Iain Mac'illeMhìcheil TX 080814
Mark: Bha mi seachnadh a bhith ag èisteachd ris an tidsear, bhiodh mo shròn ann an leabhar agus mo chorragan na mo chluasan eil fhios agad, air cùl a’chlas! Agus feumaidh mi a ràdh, feumaidh gu robh an tidsear agam, Mrs Ward an t-ainm a bh’oirre, tha cuimhne agam oirre, feumaidh gu robh I fìor, fìor thuigseach oir ‘s e a dhèanadh I ach bheireadh I a-mach air beulaibh a’ chlas mi, dh’fheumainn suidhe air stòl ri taobh, agus leig I leam cumail orm a’ leughadh an leabhar ach dh’fheumainn suidhe air a beulaibh... so mar sin bha I air an dàrna làimh...tha...gam pheanasachadh air dòigh air choreigin agus a’ sealltainn gu feumadh tu dèanamh mar a chanadh an tidsear riut, ach aig a’cheart àm, bha I a’ sealltainn dhan chlas gu robh e math a bhith a’ leughadh...
Iain: Uh huh.
Mark: ...agus tha mi smaoineachadh gu robh I fìor, fìor thuigseach ann a bhith a’ dèanamh sin, mo bheannachd oirre.
Oisean a' Ghràmair 1
ainmear – noun
gnìomhair – verb
fireanta – masculine
iolra – plural
sèimheachadh – lenition (‘softening’)
seilbheach – possessive
Puing 1
mo - my ar - our
do - your ur - your (plural) (no cuideachd: bhur)
a - his/her an - their
mo mhàthair - ar màthair
do mhàthair - ur màthair
a mhàthair / a màthair - am* màthair
(* an → am le b, f, m, p)
Puing 2
Dòigh eile air my: an (X) agam (‘the X at me’)
an taigh agam, an càr agad, an còta aige, an obair aice
Cuin a chleachdas sinn mo X, agus cuin a chleachdas sinn an X agam?
Tha an X agam glè chumanta, agus faodaidh sibh seo a ràdh mar as trice. Ach bu chòir dhut mo a chleachdadh airson:
(1) càirdeas glè phearsanta
m.e. mo mhàthair, mo phiuthar, mo mhac, mo sheanair
(2) do bhodhaig, do phearsantachd
m.e. mo chas, mo shùilean, m’ inntinn, mo spiorad
Abairt na Seachdain
Am fasan a bh’ aig Niall, bha e riamh ris
Broadcasts
- Sun 19 Oct 201421:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 22 Oct 201412:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 22 Oct 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Oct 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Jan 201521:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 14 Jan 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 14 Jan 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Jan 201510:30BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.


