
Cù Geamhraidh
Dòmhnall MacGilleMhoire a' leughadh an dàrna earrann de sgeulachd Alasdair Mhicleòid. Donald Morrison reads the final part of Alasdair Macleod's short story, Winter Dog.
Seo an earrann mu dheireadh den sgeulachd ghoirid, Cù Geamhraidh, a sgrìobh an Canèidianach Alasdair Macleòid, a chaochail sa Ghiblean am bliadhna. Rugadh Alasdair air prèiridhean Chanada ach, nuair a bha e na bhalach, ghluais e fhèin 's a theaghlach a Shiorrachd Inbhir Nis ann an Eilean Cheap Breatainn. Choisinn e cliù mhòr, fad 's farsaing, airson a chuid sgrìobhaidh agus cruth na tìre agus spiorad nan daoine an Ceap Breatainn aig cridhe a na bha e a' cur ri pàipear. B' ann airson sgeulachdan goirid a b' ainmeile a bha e agus chaidh dà chruinneachadh dhiubh fhoillseachadh, agus bha an Gibht Caillte Saillte na Fala mar ainm aige air aon dhiubh. Bho chionn faisg air fichead bliadhna chaidh na sgeulachdan eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig do Radio nan Gaidheal agus seo an earrann mu dheireadh den sgeulachd, Cù Geamhraidh, air a h-eadar-theangachadh le Jo NicDhòmhnaill agus air a leughadh le Dòmhnall MacGilleMhoire.
Last on
Broadcasts
- Fri 22 Aug 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 23 Aug 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 24 Aug 201414:30BBC Radio nan Gàidheal