Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tha Litir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm an-diugh air a' sgrìobhadh le Agnes Rennie. Criomag eile bho rannsachadh na Gàidhlig còmhla ri Anne Macleod-Hill agus cuairt timcheall sgìrean ceann a tuath na dùthcha còmhla ri Tormod Macleòid. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 10 Jul 201421:00

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Agnes Rennie

A Tharmoid bhochd

’S fhada bhon a bha mi a’ smaoineachadh air sgrìobhadh thugad ’son bha uimhir ann a bha mi ’son innse dhut. Ged a b’ e bràthair m’ athar a bh’ annad cha mhòr nach robh sinn nar co-aoisean agus bha mise cho toilicht riut fhèin is tu a’ falbh dhan a’ mhailisidh còmhla ri na balaich eile. Cha robh sin na annas sam bith dhuibhse agus a’ coimhead air ais cha mhòr nach ann a bha e mar seòrsa de holiday.


Cha do lean a’ holiday fada agus aon uair ’s a chaidh an cogadh a ghairm dh’fhalbh thu dhan an Fhraing. ’S beag a bha dh’fhios agad dè a bha romhad agus cha robh tuigsinn sam bith againne ciamar a bha sibh beò na idir ciamar a bha sibh a’ bàsachadh.


Bha mise ag obair air tac faisg air Loch Laomainn nuair a thòisich an cogadh. Bidh cuimhn’ agad fhèin gu robh mi dà sheusan ann an Sealltainn ron sin ach bha mi air mo dhòigh nuair a fhuair mi cothrom a bhith ann an aon àite ged a bha an obair paillt cho cruaidh. Ach cha do mhair sin fada, ’son cho luath ’s a thòisich an cogadh thàinig ormsa a dhol a Ghlaschu a dh’obair ann am factaraidh na munitions ann an Cardonald. Bha mi fhèin agus Màiri Mhòr an sin agus ’s beag a bha a dh’fhios againn cò leis a bha sinn ag obair – chemicals ghrannda a bha a’ cur riomhadh buidhe air craiceann gach duine a bha ag obair ann.


Nach uabhasach an saoghal anns a bheil sinn beò co-dhiù – thusa ’s na balaich eile a’ sabaid anns na trainnsichean ’s peilearan nan Gearmailteach gar marbhadh ’s gar leòn agus mise ’s Màiri Mhòr an seo a’ lìonadh nam peilearan leis a bheil sibhse a’ marbhadh nan Gearmailteach. Chan eil e a’ dèanamh ciall dhòmhsa co-dhiù.


Thàinig naidheachd bàs Dhòmhnaill Aonghais Bhig an-dè – chan eil fhios againn dè a thachair. Siud a-nise triùir de bhalaich Aonghais Bhig air an call – cha ghabh còmhradh a dhèanamh air. Tha iad ag ràdh nach eil facal aig a mhàthair agus nach eil sùilean athair a’ tiormachadh.

Thill Calum Mhurchaidh Ghiolais bho chionn cheala-deug. Bha sinn air a chluinntinn gu robh e ann an ospadal air a leòn ach cha do thuig sinn ciamar. Bha e fhèin agus Beileag Bhàn Fhionnlaigh a’ dol a phòsadh an ath thuras a bhiodh e aig an taigh ach tha droch theansa gun tachair sin a-nis. Thàinig Calum dhachaigh air leth-chois agus a làmh dheas gun fheum cuideachd. Ach tòrr nas miosa na sin ’s e nach do dh’aithnich e duine. Tha iad ag ràdh gur e “shell shock” a th’ ann. Tha muinntir a’ chinn a-staigh ag ràdh gun cluinn iad e a-muigh ’s e ag èigheachd ’s a’ mionnan. Tha Beileag bhochd le cridhe briste – thill Calum ach chan eil lorg air a’ Chalum dhan tug ise an gealladh-pòsaidh.


Agus dè mu do dheidhinn fhèin?


B’ fheàrr leam gum b’ urrainn dhomh a bhith air iarraidh ort fuireach air falbh seachdain eile – na biodh dad a chabhaig ort dhachaigh. Cha b’ urrainn dhomh a bhith air a leithid a ràdh ach nam biodh fios nam fàidh air a bhith againn, air na bha romhainn, nach mi a bhiodh air feuchainn. Tha fhios ma bha thu air an deic gu robh thu a’ coimhead solais Steòrnabhaigh air fàire ’s fios nach robh caladh fad às.


Ach cha b’ e sin a bha an dàn, agus mus tàinig latha air madainn na bliadhn’ ùire, bha thu na do laighe am measg an fheamainn air mol fhuar Shanndabhaig.


Nach math nach eil fhios againn.

Le gaol is ionndrainn

Seònaid Ruairidh

Broadcasts

  • Thu 10 Jul 201409:03
  • Thu 10 Jul 201421:00