
25/06/2014
Tha Coinneach ann an Dùn Èideann airson co-làbhairt Rannsachadh na Gàidhlig. Coinneach is in Edinburgh for the Rannsachadh na Gàidhlig Conference.
Tha Coinneach ann an Dùn Èideann airson co-làbhairt Rannsachadh na Gàidhlig. An-diugh tha e a' bruidhinn ri Seumas Watson à Ceap Bhreatainn a tha an làthair aig a' cho-làbhairt.
Cuideachd a bharrachd air na filmaichean, prògraman agus geamanan às àbhaist a bhith air an sealltainn air plèanaichean, tha British Airways gu bhith a' tabhainn rud a tha beagan eadar-dhealaichte air itealan a bhios a' sgèith eadar Bergen agus Oslo. 'S e sin film de na seallaidhean a chitheadh tu nam biodh tu a' siùbhal eadar an dà bhaile air trèana. Ciamar a tha Maureen NicLeòid, Ishi NicIlleathain agus Fearchar MacFhionghainn a' cuir seachad na h-ùine nuair a tha iad fhèin a' siubhal air plèana.
'S e annas a bh' ann aig aon àm, nam faiceadh tu boireannach air cùl a' chunntair ann am bùth sam bith bho is e fir a-mhàin a b' àbhaist a bhith ag obair agus a' ruith bhùithean. Chan fhaigheadh tu gàire sam bith àsda anns a' bhùth agus bhiodh iad ann an aodach dubh. Ach an-diugh tha an suidheachadh air atharrachadh leis gu bheil barrachd bhoireannaich ag obair anns na bùithean na tha de dh'fireannaich. Bruidhinnidh sinn ri triùir a bha no a tha ag obair ann am bùth airson am beachdan fhaighinn air mar a tha cùisean air atharrachadh thairis nam bliadhnaichean agus na beachdan aca air carson a thòisich barrachd bhoireannaich air obair ann am bùithean. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Wed 25 Jun 201409:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 25 Jun 201421:03BBC Radio nan Gàidheal