
26/06/2014
Còmhradh, conaltradh agus cnuasachadh gach là. Post-dealan: [email protected] Daily debate and discussion with Coinneach MacIomhair E-mail: [email protected].
Tha Coinneach ann an Dùn Èideann airson co-labhairt Rannsachadh na Gàidhlig. An-diugh tha e a' bruidhinn ris an Àrd Ollamh Rob Mulhally, Iar-cheann-suidhe Olthigh Ghlaschu, a tha an làthair aig a' cho-labhairt.
Tha an t-Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart gu bhith ag innse mun an inbhe shònraichte UNESCO a tha gu bhith air a bhuileachadh air Cruinneachadh MhicGilleMhìcheil MhicBhatair, an cruinneachadh de chultar 's eachdraidh Ghàidhealach.
Agus cluinnidh sinn bho Dhòmhnalll S Moireach mun an dealbh-chluich, Sequamur. a sgrìobh e mu dheidhinn Uilleam J Gibson, ceannard Ard-sgoil MhicNeacail a bhrosnaich na sgoilearan aig a dhol dhan Chiad Chogadh. Chaidh 148 de na sgoilearan a mharbhadh agus tha an sgeulachd ag innse mar a dheilig Gibson ris a' chall . bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 26 Jun 201409:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 26 Jun 201421:00BBC Radio nan Gàidheal