
An t-Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais Nan Clèireach Ath-Leasaichte
Còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais Nan Clèireach Ath-leasaichte, Glaschu 2014. Service conducted by Rev Kenneth Stewart, Reformed Presbyterian Church, Glasgow 2014.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 119: 41-42 air fonn St David agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn.
Salm 119: 63-64 ar fonn Torwood agus 's e Calum Moireasdan a tha os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.
Leughadh: Eabhraidhich 5: 1-14
Ceann-teagaisg: Eabhraidhich 5: 11
Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thàinig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e ochd bliadhna deug.
Fhuair e foghlam ann an Bun-sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.
Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte ann an Steòrnabhagh. Bha e roimhe sin na mhinistear air a' choitheanal aca ann an Glaschu agus cuideachd air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Last on
An t-Urr Coinneach Stiùbhart

Broadcasts
- Sun 11 May 201409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 May 201415:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Mar 202021:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Jun 202421:00BBC Radio nan Gàidheal