
le Iain MacSuain, Eaglais na h-Alba, an Tairbeart
Seirbheis còmhla ri Iain MacSuain, an Leughadair aig Eaglais na h-Alba air an Tairbeart 1996. Service from 1996 with reader the late John MacSween, Church of Scotland, Tarbert.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 106: 1-3 air fonn St David agus 's e Dòmhnall M Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas
Salm 103: 8-9 air fonn London New agus 's e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: Mata 16: 1-28
Ceann-teagaisg: Mata 16:6
Rugadh Iain, no Seonaidh MacSuain, Seonaidh Alasdair Bhig ann a Sgarastadh Mhòr air 18 Iuchar, 1947. Bhuineadh cuideachd a mhàthar, Seonag Iain 'ic Fhionnlaigh, do Sgarastadh fhèin agus cuideachd athar do Mhiabhag a Deas. Bha triùir bhràithrean aige agus ceathrar pheathraichean ach chaochail aon dhiubh na pàiste, aig aois còig bliadhna. Chaidh Seonaidh do Bhun-sgoil Sgarastaidh agus an dèidh sin do Sgoil an Òib.
Chuir e seachad cuid mhath de bheatha a' dràibheadh aig trì companaidhean ionadail anns na Hearadh. Thug e cuideachd dà bhliadhna ag obair ann an Oifig a' Phuist air an Tairbeart agus, mus tug a shlàint air sguir a dh'obair ann an 2004, bha e na 'ghafair' aig Loidse nam Borgh airson faisg air 12 bliadhna.
Ann an 1969 phòs Seonaidh Oighrig NicLeòid bhon Tairbeart, nighean Ailig John Sheonaidh Dhòmhnaill Chaluim à Beàrnaraigh na Hearadh. Tha dithis chloinne aca; Dorothy, a tha pòsta ann an Steòrnabhagh agus Iain, a tha ag obair air an Tairbeart.
Bha ùidh mhòr aig Seonaidh ann an ceòl bho bha e na bhalach, gu h-àraidh ceòl a' bhogsa, sgil a dh'ionnsaich e dha fhèin. Bha e iomadach bliadhna ann an Còmhlan Cèilidh na Hearadh agus an còmhlan a' cluiche aig dannsaichean air feadh Leòdhais agus Na Hearadh. Tha Dòmhnall Iain, bràthair Sheonaidh, math air seinn agus 's e a' chiad duine a thug an t-òran Chì Mi'n Tìr gu aire luchd-èisteachd. Na oige cuideachd bhiodh Iain a' cur seachad torr ùine còmhla ri mac a pheathar, an t-Urramach Donaidh MacSuain. Bhiodh iad a' cluich ball-coise, ag iasgach chudaigean agus a' lorg neadan seillein airson mil.
Anns na 80an thàinig atharrachadh am beatha Sheonaidh. Bha e na leughadair aig Eaglais na h-Alba agus chluinnear e gu math tric a' searmonachadh ann an eaglaisean air feadh Lèodhais agus Na Hearadh. Bha guth seinn sgoinneil aige agus bhiodh e tric a' cur a-mach na loidhne agus a' seinn laoidhean anns na seirbheisean, agus bha e ri chluinntinn cuideachd a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh agus a' toirt Smuain na Maidne chun an luchd-èisteachd air an rèidio.
Chaochail Iain MacSuain ann an Ospadal an Rathaig Mhòir air 8 Samhain 2010, aig aois 63.
On radio
Iain MacSuain

Broadcasts
- Sun 4 May 201421:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Jul 201621:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 May 201921:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Oct 202221:00BBC Radio nan Gàidheal
- Today21:00BBC Radio nan Gàidheal