
Episode 2
Calum Aonghas MacAoidh le sealladh air a bhith a' togail agus a' leasachadh thaighean. Calum Angus MacKay provides an insight into homebuilding and renovation.
Anns an t-sreath seo, tha Calum Aonghas MacAoidh a' toirt sùil air na nithean agus na dòìghean as ùire a tha an cois a bhith a' togail thaighean no a bhith gan leasachadh.
An-diugh, tha e a' toirt sùil nas mionaidaiche air cumhachd ath-nuadhachail.
Tha e a' tadhal air càraid òg a tha dìreach air gluasad a-steach a dhachaigh ùr a thog iad agus tha e cuideachd a' faighinn a-mach mu na dòighean-teasachaidh a tha iad fhèin air a thaghadh.
Cluinnear mu sgeama an riaghaltais, Green Deal, 's mar a gheibhear taic-airgid airson cumhachd ath-nuadhachail a chur an sàs.
Ann an Steòrnabhagh, tha Calum Aonghas a' coinneachadh ri càraid aig a bheil panalan air lobht an taighe airson cumhachd na grèine a chur gu feum. Cluinnear carson a roghnaich iad an leithid a dhèanamh, mar a chaidh iad timcheall air agus dè na h-atharrachaidhean a tha iad a' faicinn anns na tha iad a' cosg air cumhachd.
Ann an sgìre Nis, tha cumhachd na gaoithe na bhuannachd do Dhòmhnall Alasdair Moireasdan agus cluinnear bhuaithe fhèin mu bhith a' cur roth-gaoithe an sàs mar dhòigh air cumhachd a chruthachadh.
Last on
Marietta agus Dòmhnall Dòmhnallach

Marietta agus Dòmhnall Dòmhnallach a tha a' dèanamh feum do chumhachd na grèine.
Broadcasts
- Mon 14 Apr 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 14 Apr 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
