
An t-Urr Seumas Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba 1986
Seirbheis bho 1986 à Eaglais na h-Alba am Barabhas còmhla ris an Urr Seumas Dòmhnallach. A 1986 Gaelic archive service from Barvas Church of Scotland by Reverend James MacDonald.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 90: 1-2 air fonn Kilmarnock agus Salm 04: 7-8 air fonn Moravia. 'S e Iain Dòmhnallach a bha os cionn na seinn agus bha e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas, Eilean Leòdhais.
Leughadh: Leabhar Deuteronomi 31: 7-16
Ceann-teagaisg: Leabhar Deuteronomi 31: 14 & 16
Rugadh Seumas Dòmhnallach ann an sgìre Mhealaboist ann am Borgh air taobh Siar Eilean Leòdhais air an 9mh den Chèitean 1943. Bha triùir anns an teaghlach aige: e fhèin, a bhràthair a bhàsaich na leanabh agus a phiuthar Seonag. Bha athair Sheumais, Murchadh neo Murchadh Sheumais, ainmeil airson a bhith sgrìobhadh òrain: òrain cianalais, òrain cogaidh agus òrain èibhinn.
Chaidh Seumas gu Bun-sgoil Ghabhsainn agus an uair sin gu Àrd-sgoil Lionail gus an do dh'fhàg e an sgoil aig aois còig bliadhna deug nuair a chaidh e dhan a' Chabhlaich Mharsanta. Mar iomadach Leòdhasach eile chur e seachad bliadhnaichean aig muir a' siubhail an t-saoghail gus nas thill e air ais dhachaigh anns na tri ficheadan. Bha ceathrar chloinne aige fhèin agus a bhean Màiri Ann. Bha Seumas ag obair air a' bheairt airson iomadh bliadhna gus an deach a ghairm chun na ministrealachd. Chaidh e air ais dhan sgoil airson deuchainnean aig àrd-ìre a dhèanamh agus cothrom a thoirt dha a dhol dhan oilthigh mar oileanach Diadhachd fad ceithir bliadhna.
Thill e air ais dhan eilean ann an 1983 agus chur e seachad bliadhna aig Àrd-eaglais Steòrnabhaigh a' toirt taic dha dheagh charaid, an t-Urramach Ruairidh Moireasdan. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost san Rubha san Ògmhios 1984 far an robh e airson seachd bliadhna deug gus an do leig e dheth a dhreuchd air sgàth a shlàinte ann an 2001. Bidh e fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm ann an coitheanalan air feadh nan eilean. Bhàsaich a bhean Màiri Ann ann an 2011.
Tha ùidh mhòr aige ann a bhith a' càradh agus ag ùrachadh àirneis agus thairis air na bliadhnaichean tha e air seann tractar 1955 Ferguson TEF20 ùrachadh. Ann an 2015 phòs Mgr Dòmhnallach Morag NicRisnidh agus tha iad air an dachaigh a dhèanamh anns an sgìre far an do rugadh 's na thogadh e.
Last on
An t-Urr Seumas Dòmhnallach

Broadcasts
- Sun 6 Apr 201421:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Jul 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Oct 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Aug 202221:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Sep 202421:00BBC Radio nan Gàidheal