
Sgeulachd le Dòmhnall Macleòid - Christmas
Seanchas mu aon Nollaig ann am Beàrnaraigh, Leòdhais bho Dhòmhnall Macleòid. A Christmas tale from his childhood in Bernera, Lewis as told by psychologist Donald Macleod.
"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."
Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thàinig e. Bha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circeabost, an Eilean Bheàrnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.
Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu àm nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceasnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.
Anns an sgeulachd seo tha Dòmhnall ag innse mar a theab nach tàinig Nollaig dhan taigh aca idir aon bhliadhna.
Last on
More episodes
Dòmhnall le granaidh

Broadcasts
- Fri 28 Mar 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 29 Mar 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Mar 201414:30BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Eve 201417:10BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 23 Sep 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 23 Sep 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Sep 201913:00BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Day 202211:00BBC Radio nan Gàidheal