
Sgeulachd le Dòmhnall Macleòid - A' Chaitheamh
Seanchasan mu bheatha thràth ann am Beàrnaraigh, Leòdhais bho Dhòmhnall Macleòid. Psychologist Donald Macleod tells tales from his childhood in Bernera, Lewis.
"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."
Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thàinig e. Tha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circeabost, an Eilean Bheàrnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.
Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu àm nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceasnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.
'S ann air mar a dh'ionnsaich Dòmhnall mu thinneas a' chaitheamh a tha an sgeulachd seo. Bha a'chaitheamh air a bhith san nàbachd an Circeabost agus ged a bha iomadh bliadhna bhon uair sin, bha feagal ron tinneas fhathast làidir an cuimhne dhaoine.
Last on
Clip
![]()
Eadar Dà Shaoghal
Duration: 02:32
Broadcasts
- Fri 21 Mar 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 22 Mar 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Mar 201414:30BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 2 Jan 201517:10BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 16 Sep 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 16 Sep 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Sep 201913:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 4 Jan 202317:10BBC Radio nan Gàidheal
