
An t-Urr Donnchadh MacFhionghuin, Eaglais na h-Alba 1987 - 2/3
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Donnchadh MacFhionghuin, Eaglais na h-Alba. Gaelic archive service from 1987 conducted by Rev Duncan MacKinnon.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 84: 4-6 air fonn Kilmarnock le Alasadair MacLeòid os cionn na seinn agus Salm 33: 18-19 air fonn Torwood le Eòin Dòmhnallach os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Leughadh: Isaiah 40: 18-31
Ceann-teagaisg: Leabhar Deuteronomi 32: 11-12
Rugadh Donnchadh air an Tairbeart sna Hearadh ann an 1924. Bha e san nèibhidh ri àm a' chogaidh eadar 1942 agus 1947. 'S e coitheanal Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach a' chiad choitheanal a bh' aige agus bha e an sin bho 1956 gu 1965. Ghluais e às an sin gu Eaglais na h-Alba ann an Cros, Nis an Leòdhas far a robh e bho 1965 gu 1973. Ann an 1973 ghluais e gu coitheanal a' Phluic ann an Loch Aillse. Leig e dheth uallach coitheanail ann an 1989.
Last on
An t-Urr Donnchadh MacFhionghain

Broadcasts
- Sun 16 Feb 201421:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 19 Jul 201521:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Jan 201921:00BBC Radio nan Gàidheal