
Donald John Morrison - Evangelist FCC
Còmhla ri D I Moireasdan, soisgeulaiche san Eaglais Shaor Leantainneach, Inbhir Nis. Gaelic religious service conducted by evangelist DJ Morrison, Free Church (Continuing).
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 68: 19-20 air fon Torwood leis an Urr Coinneach Fearghasdan os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chaluim Chille an Dùn Èideann
Salm 18: 28-29 air fonn St David le Dòmhnall Iain MacSuain os cionn na seinn agus e a' faighinn taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Leughadh: Eòin 5: 20-34
Eòin 5: 24
'S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain, agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san àite as brèagha de dh'Alba agus am pìos as fheàrr de na Hearadh". Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha dithis chloinne aca.
Mas deach Dòmhnall Iain gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh anns a' sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta airson còig bliadhna. Anns an ùine sin bha e sàs ann am pròiseactan leasachaidh anns a' choimhearsnachd, a' toirt a-staigh còrr air dà mhillean not de thaic airgid bhon roinn phoblaich agus phrìobhaidich airson pròiseactan a bha nam buannachd dhan sgìre a bha e riochdachadh.
Dh'fhàg e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chuir e seachad trì bliadhna.
Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, às dèidh tubaist le car far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an dràsta na mhiseanaraidh dachaigh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhirnis agus mar phàirt dhan obair aige bidh e siubhail gu deifir sgìrean ann an Alba, agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeil gu aire dhaoine. Gu math tric 's ann a-muigh air an t-sràid a bhios e a' searmonachadh.
Tha ùidh mhòr aig Dòmhnall Iain ann a Moldova, air taobh an Ear na Roinn Eòrpa, agus tha e air tadhail an sin grunn thursan sna bliadhnaichean mu dheireadh. Tha tòrr bochdainn anns a' sgìre seo agus tha Dòmhnall Iain air a thàladh ann leis a' bhuaidh a th' aig suidheachadh nan daoine bochd air agus cuideachd an tarraing spioradail. Tha Dòmhnall Iain an dòchas àit' ùr a thogail dhaibh airson taigh-ùrnaigh agus cuideachd taic a thoirt dha na teaghlaichean bochda.
Last on
Dòmhnall Iain Moireasdan

Dòmhnall Iain Moireasdan ann a Moldova

Broadcasts
- Sun 16 Feb 201409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Feb 201415:00BBC Radio nan Gàidheal