
Episode 1
Sgeulachd beatha Eilidh NicDhòmhnaill, Eilidh an Tàilleir, à Griminis agus às an Ìochdar. Eilidh MacDonald from Griminish and Iochdar in South Uist recounts her life story.
Bha sinn duilich an naidheachd a chluinntinn gun do bhàsaich Eilidh NicDhòmhnaill, Eilidh an Tàilleir à Grìminis aig deireadh na Sultain aig aois 98. Choinnich Angela NicFhionghuin ri Eilidh airson a' chiad turas air madainn ann a 2014 agus ro dheireadh an fheasgair a bha sin bha iad air sgeulachd a beatha a chlàradh. Agus abair sgeulachd!
Ged a bha Eilidh a' fuireach ann an Grìminis, rugadh agus thogadh i san Iochdar. Bha i 91 nuair a chaidh seo a chlàradh, ach dha coimhead agus dha h-èisteachd cha chanadh duine gu robh i mòran seachad air an trì fichead. Thug Eilidh dhuinn cunntas gu math mionaideach air a beatha thairis air an t-sreath. Anns a' chiad phrògram cluinnidh sinn mu làithean-sgoile ann an Sgoil an Iochdar 's iad a' feitheamh ri 'Cailleach na Doags' airson ceòl agus mar a bha iad trang a' fuaigheil 'lap-bags'. Cluinnidh sinn cuideachd mar a chaidh Eilidh a dh 'obair a dh' Essex aig aois 15 agus mar a chuir caileag òg às an Iochdar eòlas air tortoise - beathach nach robh cumanta ann an Uibhist a Deas anns na 30an!
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Clip
![]()
Làithean sgoile
Duration: 05:12
Broadcasts
- Tue 21 Jan 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 21 Jan 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Jan 201410:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 8 Aug 201612:05BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 8 Aug 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Aug 201613:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 7 Dec 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 7 Dec 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Dec 202013:00BBC Radio nan Gàidheal
