
The story of one of the most important campaigns in World War II, the Arctic Convoys, and of the families who are still looking for answers 70 years on.
Ghiùlain na h-Artaig Convoys 4 millean tunna de bhathar cogaidh riatanach à Breatainn dhan Ruis airson na Ruiseanaich a chuideachadh nan strì an aghaidh Hitler, iomairt a bha air leth cudromach mar phàirt den dàrna cogadh. Seo agad slighe a dh'ainmich Winston Churchill mar 'An t-slighe bu mhiosa san t-saoghal'.
Bha iomadh seòladair òg nan lùib, agus chaochail còrr is 3 mìle fear òg ann an uisgeachan reòthte ceann a tuath a' Chuain Shiair 's iad fo ionnsaigh throm gun tàmh bho na Gearmailtich. Cha deach an cuid fhearalais a-riamh aithneachadh ge-tà.
Aig aon ìre, 's e seo an sgeulachd air nach eil fios aig mòran mu mar a bha Loch Iùbh ann an taobh siar Rois aig teis meadhan aon de na h-iomairtean a bu chudromaiche agus neo-aithnichte anns an dàrna cogadh.
Aig ìre eile, cuairt dhrùidhteach phearsanta aon bhoireannaich, Davina Matthews, 's i a' feuchainn faighinn a-mach dè dìreach a thachair dha bràthair a màthar, Daibhidh. Chaidh Daibhidh a bha na ghnìomhaiche rèideir air an HMS Achates a mharbhadh nuair a thàinig an convoy anns an robh iad fo ionnsaigh soitheach Ghearmailtich. Seachdad bliadhna as dèidh sin, tha an teaghlach fhathast a' sireadh an fhios a bheir fois dhaibh.
The World War Two Arctic Convoys carried four million tonnes of vital supplies and ammunition from the UK to Russia to aid Russian allies in their fight against Hitler. Over 3000 men lost their lives in the icy waters of the North Atlantic, as they came under relentless bombardment from the Germans. Yet their bravery has never been recognised.
This is the story of how Loch Ewe, in Wester Ross, was at the centre of what was one of the most important campaigns in the war.
Last on
Clips
![]()
An e seo a thachair dha Dàibhidh anns an Dàrna Cogaidh?
Duration: 01:19
![]()
Saoil am faigh Davina fuasgladh am broinn na pàipearan seo?
Duration: 00:51
Broadcasts
- Mon 9 Dec 201321:00
- Tue 10 Dec 201322:00
- Mon 17 Nov 201421:00
- Tue 18 Nov 201422:00
- Mon 9 Nov 201521:00
- Mon 9 Nov 202021:00
- Tue 10 Nov 202022:00
- Mon 8 Nov 202121:00
- Tue 9 Nov 202122:00
- Mon 7 Nov 202221:00
- Tue 8 Nov 202222:00


