
Uilleam MacPhilip
2/2. Bho Rubha Ghaisinis gu Dewsbury. Sgeulachd Uilleim MhicPhilip, Uilleam Sheonaidh Uilleim. From Rhughasinish to Dewsbury - the life story of William MacKillop.
Bha ùidh a-riamh aig Uilleam Sheonaidh Uilleim ann am pìobaireachd. 'S e pìobaire a bha na athair agus bhiodh e fhèin agus a bhràthair a' pìobaireachd agus a' frithealadh chlasaichean pìobaireachd na òige ann an Uibhist, agus abair gun robh e air a dhòigh, nuair a chaidh e a dhèanamh an t-Seirbheis Nàiseanta, gu robh Màidsear na Pìoba Iain Burgess còmhla ris san rèisimeid. Mun àm a ghluais Uilleam gu Dewsbury, siorrachd York, bha e fhèin agus a bhràthair-cèile nan deagh phìobairean agus chuir iad air chois còmhlan pìoba cuide ri balaich òga eile às na h-eileanan a bha sa sgìre, Còmhlan Pìoba Siorrachd Dewsbury.
Bha Uilleam ag obair airson ùine ann an Inbhir Nis agus Glaschu mus do ghluais iad mar theaghlach a a Dewsbury. Bha e ri obair na muilleanan nuair a chaidh iad ann an toiseach agus às dèidh sin thòisich e air obair gàirnealaireachd. Tha ùidh mhòr aige ann an criogaid, spòrs a dh'ionnsaich e nuair a bha e anns an arm, agus bho àm gu àm bhiodh e a' falbh còmhla ri nàbaidhean gu geamanan thall sa bhos.
Tha Uilleam an-diugh na bhanntrach ach tha an teaghlach a' fuireach faisg air. Bidh e a' tilleadh a dh'Uibhist air làithean-saora a choimhead air an teaghlach nuair as urrainn dha.
Last on
Broadcasts
- Thu 7 Nov 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 7 Nov 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Nov 201309:30BBC Radio nan Gàidheal