
Episode 3
Gàidheil Ghlaschu ann an còmhradh mun bhaile agus a' bhuaidh a thug e orra. Glasgow Gaels reflect on the city's influence as a native homeland and place of residence.
Anns an t-sreath seo, tha Gàidheil a chaidh a thogail ann an Glaschu agus feadhainn a chuir a' mhòr-chuid dem beatha seachad anns a' bhaile, a' toirt beachd do Chatriona Nic a Phì air dè bhuaidh a thug sin orra.
An-diugh, tha Donaidh Fionnlasdan air ais air Sràid Gardner ann am Partaig agus anns a' chlobhsa san deach e fhèin a thogail. Tha Catriona agus Donaidh a' tadhal air Mairi NicAmhlaigh aig Comhairle nan Leabharaichean ann am Partaig, 's ceanglaichean làidir aig a teaghlach fhèin ris an sgìre.
Agus cluinnear sgeulachdan mu bhalaich òga Ghlaschu 's na bhiodh iad a' dèanamh bho Fionnlagh Dòmhnallach! Rugadh Fionnlagh ann an Uibhist a Deas ach ghluais iad a Ghlaschu nuair a bha e na ghille òg.
Chaidh an t-sreath seo a chlàradh agus a chraoladh an toiseach ann an 2007.
Tha na prògraman gan craoladh a-rithist air thoiseach air Mòd Nàiseanta Rìoghail Phàislig 2013.
Last on
Broadcasts
- Wed 9 Oct 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 9 Oct 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Oct 201310:30BBC Radio nan Gàidheal