
Episode 2
Gàidheil Ghlaschu ann an còmhradh mun bhaile agus a' bhuaidh a thug e orra. Glasgow Gaels reflect on the city's influence as a native homeland and place of residence.
Anns an t-sreath seo, tha Gàidheil a chaidh a thogail ann an Glaschu agus feadhainn a chuir a' mhòr-chuid dem beatha seachad anns a' bhaile, a' toirt beachd do Chatriona Nic-a-Phì air a' bhuaidh a thug sin orra.
An-diugh, tha Mabel Weir a' dol air ais gu Sràid Percy anns a' bhaile, far an deach a togail ann an coimhearsnachd gu math Gàidhealach. Bidh Dòmhnall MacIlleathain à Uibhist a Tuath ag innse mu na bha de phoilis Gàidhealach anns a' bhaile. Bidh Floraidh Dowds à Barraigh a' cuimhneachadh air an aireamh mhòr de bhanaltraim Ghàidhealach a bha cuideachd anns a' bhaile agus mu na h-àiteachean anns am biodh muinntir Uibhist is Bharraigh a' cruinneachadh. Cluinnear bho Megan NicEòin a chaidh a togail eadar Baile Ghobhainn is Èirisgeigh. 'S bidh Catriona cuideachd a' ceasnachadh muinntir na sgìre sin 's i air coinneachadh riutha ann an ionad-bhuithean Baile Ghobhainn.
Chaidh an t-sreath seo a chlàradh agus a chraoladh an toiseach ann an 2007.
Tha na prògraman gan craoladh a-rithist air thoiseach air Mòd Nàiseanta Rìoghail Phàislig 2013.
Last on
Broadcasts
- Wed 2 Oct 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 2 Oct 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Oct 201310:30BBC Radio nan Gàidheal