
Co-fharpais nan Còcairean 1
Sealladh air an aìte a tha aig biadh ann an cultaran eadar-dhealaichte. Drama for schools which examines the role of food in different cultures.
Anns a' phrògram seo, tha an luchd-èisteachd a' coinneachadh ri Murchadh agus Luce, dithis chloinne à Alba. Feumaidh a' chlann faighinn a-mach mu bhiadh Sìonach agus ri linn sin, tha iad ag ionnsachadh mu na rudan nach eil iad a' tuigsinn a thaobh cultar Sìonach agus muinntir Shìona. Tron phrògram seo agus prògram na seachdain sa tighinn, tha cothrom aig an luchd-èisteachd coimhead air beachdan mu chultar, co-obrachadh, tuigse agus onarachd.An dèidh gach earrainn dhen phrògram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh an dàrna 's an treas ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.Tha notaichean tidseir le gnìomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.
Last on
Clip
![]()
Èisteachd is Labhairt: Sealladh air Sìona
Duration: 19:04
Broadcasts
- Sat 8 Nov 200810:30BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 20 Sep 201311:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 21 Sep 201310:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Sep 201314:30BBC Radio nan Gàidheal
