
A' Cur Eòlas Ort
An diofar a tha eadar sgoiltean is modhan sòisealta ann an Alba agus ann an Sìona. Drama for schools that examines some of the differences between Scotland and China.
Anns a' phrògram seo, tha sinn a' coinneachadh ri Seoc agus a phiuthar Sùsaidh a tha a' fuireach ann an Alba, agus Peadar, balach ùr a thàinig dhan sgoil aca à Sìona. Tha sinn cuideachd a' coinneachadh ris na prìomh charactaran san sgoil agus a' faicinn dè a tha eadar-dhealaichte ann an Sìona agus ann an Alba a thaobh sgoiltean is cùisean sòisealta, nam measg am poileasaidh aon leanabh a th' ann an Sìona. Thathas cuideachd a' dèiligeadh ri càirdeas, tàlantan agus mì-thuigse cultarail tro chleachdaidhean agus àbhachdas. An dèidh gach earrainn dhen phrògram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad 's an dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.Tha notaichean tidseir le gnìomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
See all episodes from Èisteachd is Labhairt: Sealladh air Sìona
Clip
![]()
Èisteachd is Labhairt: Sealladh air Sìona
Duration: 15:00
Broadcasts
- Fri 12 Sep 200811:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 13 Sep 200810:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 18 Oct 200810:30BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 23 Aug 201311:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 24 Aug 201310:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Aug 201314:30BBC Radio nan Gàidheal
