
Episode 2
Air chuairt a' comharrachadh beatha Iain Muir; Albannach, eòlaiche-nàdair is àrainneachd. In celebration of John Muir, Scottish-born American naturalist and environmentalist.
Anns an t-sreath seo, tha Murchadh MacLeòid agus Dòmhnall Dòmhnallach - dithis a tha eòlach agus dèidheil air a bhith coiseachd - a' leantainn Slighe Iain Muir tro sgìre Lodainn an Ear.
Tha iad a' ruith air sgeulachd a bheatha agus a' toirt dhuinn an sealladh fhèin air an àrainneachd, an sgìre, na bailtean agus na costaichean a bhrosnaich Muir na bhalach òg.
An-diugh, tha Murchadh dol mu chuairt an taigh anns an deach Iain Muir a bhreith agus a thogail ann am baile Dhun Barra. Tha an taigh an-diugh ga chumail mar thaigh-tasgaidh a tha ag innse sgeulachd beatha Muir. An cois Mhurchaidh, tha Alasdair MacNèill a tha a' fuireach sa sgìre agus aig am bheil ùidh mhòr ann an eachdraidh Iain Muir.
Tha an t-sreath a' comharrachadh 100 bliadhna bhon a bhàsaich Iain Muir. Chaidh a chlàradh ann an 2013 agus chaidh Slighe Iain Muir a leudachadh gu ruige Bail' Eilidh air a' chost an iar sa Ghiblean 2014. 'S ann à Bail' Eilidh a sheòl teaghlach Muir a dh'Ameireagaidh.
Last on
An Ceann-Suidhe Roosevelt agus Iain Muir

Alasdair MacNèill

Dachaigh an teaghlaigh

Ìomhaigh Iain Muir na ghille òg

Broadcasts
- Mon 5 Aug 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 5 Aug 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Aug 201313:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 12 May 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 12 May 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 May 201413:00BBC Radio nan Gàidheal