
Prògram 1
Air chuairt a' comharrachadh beatha Iain Muir; Albannach, eòlaiche-nàdair is -àrainneachd. A celebration of John Muir, the Scottish-born American naturalist and environmentalist.
Rugadh Iain Muir ann am baile Dhùn Barra ann an Lodainn an Ear, sa bhliadhna 1838. B' e an treas leanabh ann an teaghlach de dh'ochdnar a rugadh do Daniel Muir agus Anna Gilrye. Bhe e follaiseach bho bha e na leanabh òg, gur e balach ionnsaichte a bh'ann an Iain Muir agus gu robh ùidh mhòr aige ann an nàdar, san àrainneachd agus san t-saoghal mu chuairt air.
Nuair a bha e 11 bliadhna a dh'aois, rinn an teaghlach imrich a dh'Ameireagaidh, gu Wisconsin. 'S ann an sin a chaidh Iain dhan oilthigh agus a leudaich an ùidh aige ann luibh-eòlas, gnothaichean nàdair agus saidheans.
Cha robh e riamh na thàmh, a' falbh raointean is fàsachan Ameireagaidh gun sguir. Thàinig e gu aire àrd-luchd politigeach nan Stàitean agus b' e bha mar mheadhan air gun deach Pàircean Nàiseanta a stèidheachadh san dùthaich.
Bhàsaich Iain Muir ann an 1914 aig aois 76. Bha e na dhuine dha-rìreabh ainmeil ann an Ameireagaidh agus tha chun a' là 'n-diugh.
Anns an t-sreath seo, tha Murchadh MacLeòid agus Dòmhnall Dòmhnallach - dithis a tha eòlach agus dèidheil air a bhith coiseachd - a' leantainn Slighe Iain Muir tro sgìre Lodainn an Ear.
Bidh iad a' ruith air sgeulachd a bheatha agus a' toirt dhuinn an sealladh fhèin air an àrainneachd, an sgìre, na bailtean agus na costaichean a bhrosnaich Muir na bhalach òg.
Tha an t-slighe a' ruith bho Dùn Ghlais, deas air Dùn Barra gu ruige Baile nam Feusgain, taobh a-muigh Dhùn Èidinn.
Bidh iad a' tadhal air an taigh anns na rugadh e, a tha an-diugh na thaigh-tasgaidh, agus bidh iad a' coinneachadh ri feadhainn air an t-slighe a tha fuireach anns a' sgìre agus aig a bheil ùidh ann an sgeulachd Iain Muir.
Tha an t-sreath a' comharrachadh 100 bliadhna bhon a bhàsaich Iain Muir. Chaidh a
chlàradh ann an 2013 agus chaidh Slighe Iain Muir a leudachadh gu ruige Bail' Eilidh air a' chost an iar sa Ghiblean 2014. 'S ann à Bail' Eilidh a sheòl Iain Muir a dh' Ameireagaidh.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Toir Nis

Barns Ness

Dùn Barra

Broadcasts
- Mon 29 Jul 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 29 Jul 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Aug 201313:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 5 May 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 5 May 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 May 201413:00BBC Radio nan Gàidheal