
Ruaraidh Arscainn is Mhàirr
Sùil air Ruaraidh Arscainn is Mhàirr, a dh'ionnsaich a' Ghàidhlig san 19mh linn. Portrait of Ruaraidh Erskine of Marr, an eccentric 19th century aristocrat and Gaelic enthusiast.
Dealbh air Ruaraidh Arscainn is Mhàirr; duine iongantach agus beartach aig an robh buaidh mhòr air litreachas na Gàidhlig agus poilitigs na h-Alba ann am bliadhnachan tràth na ficheadamh linn.
Rugadh Ruaraidh Arscainn is Mhàirr, no Erskine of Marr, ann am Brighton ann an 1869. Bhuineadh e do theaghlach uasal aig an robh oighreachd mhòr air iomall na Gàidhealtachd. Tha e coltach gun do dh'ionnsaich e a' chiad Ghàidhlig bho bhanaltram a bh' aige na òige, agus 's iongantach mur a robh e air a bheò-ghlacadh leis a' chànan bhon uair sin.
Chleachd e a chuid bheartais airson a' Ghàidhlig a bhrosnachadh tro na h-irisean litreachais a bha e a' foillseachadh; b' e am fear as ainmeile dhiubh, Guth na Bliadhna, a bha a' ruith bho 1904 gu 1924. Bha Ruaraidh gu mòr an sàs ann am poilitigs cuideachd agus bha e am measg an fheadhainn a chuir a' chiad Phàrtaidh Nàiseanta Albannach air chois.
Producer Fiona MacKenzie.
Last on
Broadcasts
- Wed 19 Jun 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 19 Jun 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Jun 201310:30BBC Radio nan Gàidheal