
Calum MacPhàrlain
Sùil air beatha Chaluim Mhic Phàrlain, fear aig an robh buaidh mhòr air foghlam Gàidhlig. Calum MacFarlane, writer, composer, editor and tireless worker for the Gaelic language.
Dealbh air beatha Chaluim Mhic Phàrlain, fear a rinn na h-uiread airson a' Ghàidlig a bhrosnachadh ann am bliadhnachan tràth na ficheadamh linn. Rugadh e ann an Dàl Mhalaidh, an Earra-Ghàidheal, ged a chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha air Ghalltachd. Bha e aithnichte mar bhàrd, neach-deasachaidh agus neach-ciùil. Sgrìobh e òrain mar Mo Dhachaidh agus Foghnan na h-Alba agus am measg nan iomadh òran ris an do chuir e fonn tha Cathair a' Chùl-chinn agus Far an robh Mi 'n Raoir. Mar fhear-deasachaidh, bha e gu mòr an sàs ann a bhith a' brosnachadh sgrìobhaichean Gàidhlig ach is dòcha gur e an obair a rinn e airson an cànan a bhrosnachadh sna sgoiltean an rud a bu chudthromaiche a rinn e.
Last on
More episodes
Previous
Tuilleadh fiosrachaidh
Tha tuilleadh fiosrachaidh ma dheidhinn ri fhaighinn an seo.
Broadcasts
- Wed 12 Jun 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 12 Jun 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Jun 201310:30BBC Radio nan Gàidheal