
13/06/2013
An-diugh tha prògram sònraichte aig Coinneach mun a' bhuaidh a th'aig cianalas air daoine. A special programme on dealing with homesickness and its impact on lives.
Tha an cluicheadar ball-coise Jesus Navas a' gluasad à Seville gu Manchester City ach a-rèir choltais cha bhi seo furasta dha air sgàths cho dona agus a tha an cianalas a' laighe air uair sam bith a tha e air falbh bhon dachaigh.
An-diugh prògram sònraichte mun a' bhuaidh a th'aig cianalas air daoine ann an diofar shuidheachaidhean - oileanaich air falbh bhon dachaigh, daoine a dh'fhàg Alba airson fuireach ann an dùthchanan eile, daoine a bhuineas thall thairis ach a rinn dachaigh ùr ann an Alba. Cluinnidh sinn cuideachd bho Dhòmhnall Iain MacIomhair agus mar a tha cianalas a' nochdadh ann an litreachas. Am measg nan òrain tha An Eala Bhàn le Aonghas Macleòid, Eilean Uibhist mo Rùin le Julie Fowlis, Thoir mo Shorraidh le Ailean Dòmhnallach agus 'S Fhada Leam air Oidhche Geamhraidh le Murchadh MacPhàrlain. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
![]()
Cianalas
Duration: 04:00
Broadcasts
- Thu 13 Jun 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 13 Jun 201321:00BBC Radio nan Gàidheal
