
Tinneas Cridhe
Moira NicIllEathain a' mìneachadh tinneas-cridhe le dotair agus cuid air na bhuail e. Moira Maclean examines coronary heart disease with a GP and talks to some patients.
Anns an t-sreath ghoirid tha seo, tha Moira NicIllEathain a' togail air aon tinneas anns gach prògram agus a' toirt sùil mhionaideach air le eòlaichean agus le feadhainn air a bheil neo air a robh an tinneas.
An-diugh tha Moira a' coimhead ri tinneas-cridhe. Tha i a' bruidhinn ri Seòras Macleòid, an t-Urramach Calum Macleòid agus Mairead NicBhatair a tha air fulang leis an tinneas. Tha sinn a' cluinntinn mar a mhothaich iad an toiseach gu robh rudeigin ceàrr, mar a thachair dhaibh às dèidh sin agus mar a tha iad an-diugh. Tha an Dotair Iain Mac a' Ghobhainn air a bhith na dhotair-teaghlaich fad dà fhichead bliadhna agus tha e a' mìneachadh dè a th' ann an tinneas-cridhe, dè a tha dha adhbharachadh agus ciamar as urrainn dhuinn an cunnart dhuinn fhèin a lùghdachadh. Tha Donna Ghreumach na banaltram a tha cuideachadh dhaoine a tha a' faighinn seachad air obair-lannsa às dèidh tinneas-cridhe agus i ag innse cho cudromach agus a tha dòigh-beatha sa ghnothach agus gu bheil biadh mar 80% dhen sin agus eacarsaich mar 20%.
Last on
Clip
![]()
Tinneas Cridhe
Duration: 05:07
Credit
| Role | Contributor |
|---|---|
| Producer | Aisling Heraughty |
Broadcasts
- Wed 8 May 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 May 201321:03BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 May 201310:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 26 Nov 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 26 Nov 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Dec 201310:00BBC Radio nan Gàidheal
