
Cho Luath 's a Ghabhas
Taic ann a bhith a' leasachadh sgilean obair-cinn matamataigeach aig ìre bun-sgoile: An Gleoc. Schools programme to support the development of good mental arithmetic skills.
Thairis air an dàrna sreath de phrògraman, tha Bella Bhragail agus Pòl Pongail a' stiùireadh sgoilearan gus na sgilean obair-cinn matamataigeach aca a leasachadh. Bheir iad air na sgoilearan a bhith ag obair an aghaidh a chèile, an aghaidh Bella agus Pòl agus an aghaidh a' ghleoca ann an suidheachadh a tha aotram agus tlachdmhòr. Agus, tha cudrom air na sgoilearan a bhith ag obrachadh a-mach freagairtean matamataig nan cinn cho luath 's a ghabhas agus nas luaithe na Bella!
Anns a' phrògram seo tha iad air chuairt aig a' Mhòd 's tha aca ri sia ceistean a fhreagairt. 'S e an gleoc, 24-uarach agus 12-uarach, an earrann teagaisg.
Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha iad cuideachd a' sealltainn cho cudromach 's a tha obair-cinn matamataigeach anns an fharsaingeachd agus anns an t-saoghal mhòr, chan ann a-mhàin a thaobh obair sgoile.
Tha na ceistean 's nam freagairtean a tha anns a' phrògram rim faighinn anns na notaichean tidseir, cuide ri ceistean cruaidh eile, agus tha iad sin rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.
Producer Una MacDonald.
Last on
Clip
![]()
Cho Luath 's a Ghabhas 19
Duration: 14:38
Broadcasts
- Fri 22 Mar 201311:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 23 Mar 201310:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 24 Mar 201314:30BBC Radio nan Gàidheal
