
Iubailidh Daoimein na Banrigh
Cuimhneachain bho dhaoine a th'air coinneachadh ris a' Bhanrigh neo air a bhith na làthair thairis air 60 bliadhna. Memories of meeting the Queen throughout her sixty year reign.
Thairis air na 60 bliadhna a tha i air a bhith air a' chathair tha a' Bhanrigh air coinneachadh ri mìltean de dhaoine am Breatainn agus thall thairis. Sa phrògram bidh Iar Morair na Banrigh agus Neach-Clèireachd na Banrigh sna h-Eileanan an Iar, Dòmhnall Màrtainn, a' mìneachadh mar a bu chòir fàilte a chur air a' Bhanrigh.
Cluinnidh sinn cuimhneachain bho Etta Ghreumach is Màiri Nicleòid a choinnich rithe air a cuairtean dhan na h-Eileanan an Iar ann an 1956 agus 2002. Gheibh sinn dealbh den Bhanrigh air bòrd a' gheat rìoghail Britannia bho Dhòmhnall Mac a' Ghobhainn a thug còig bliadhna ag obair oirre agus bidh am Brigadier Iain MacPhàrlain a' coimhead air ais air àmannan nuair a bha e fhèin na làthair fhads a bha e san arm.
The Queen has met thousands of people each year throughout her 60-year reign. Etta Graham and Mary Macleod recall meeting her on her tours of the Western Isles in 1956 and 2002 and Donald Smith, formerly of the Royal Yacht Britannia, remembers his encounters with the Queen on board the Royal Yacht.
Last on
Clip
![]()
Aonghas MacLeòid MBE
Duration: 04:23
Còisir Òg Lacasdail ann an 1948

Còisir Òg Lacasdail 1948 - ’s i Màiri NicLeòid an treas nighean bhon làimh dheis.
Prògram

Aonghas Macleòid MBE agus an teaghlach

Aonghas MacLeòid còmhla ri Sebastian Coe

Aonghas MacLeòid MBE agus an teaghlach

A' coinneachadh ris a' Bhanrigh ann an Garrabost

Etta Ghreum agus a màthair-chèile Iseabail Ghreum a’ coinneachadh ris a’Bhanrigh nan dachaigh an Garrabost ann an 1956.
An sluagh ann an Garrabost nuair a thadhail a' Bhanrigh

Buidheann Luaidh

A’ bhuidheann luaidh ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh, 2002.
Broadcasts
- Tue 5 Jun 201213:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 5 Jun 201222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Jun 201210:30BBC Radio nan Gàidheal
- Boxing Day 201211:30BBC Radio nan Gàidheal
