
Sgeulachd à Nigeria
Taic ann a bhith ag ionnsachadh mu cheòl aig ìre bun-sgoile: ceòl is sgeulachdan à Nigeria. Schools programme to support music teaching in the upper stages of primary school.
Thairis air an t-sreath bidh Sàra agus Liam, a tha ag obair ann am bùth siubhail, a' toirt seachad fiosrachadh mu chuid de na dùthchannan air a bheil iad a' cur eòlas nan obair. Tron seo tha sinn a' cluinntinn sgeulachdan agus pìosan ciùil a bhuinneas do dhiofar dhùthchannan.
Anns a' phrògram seo tha sinn ag ionnsachadh mu cheòl à Nigeria agus cluinnear sgeulachd mu Anansi an damhan-allaidh. 'S e amas an teagaisg dòighean air ruitheaman a chleachdadh.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chur air dòighean gus ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Fri 1 Jun 201211:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 2 Jun 201210:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Jun 201214:30BBC Radio nan Gàidheal