
Sgeulachd as A' Ghreig
Taic ann a bhith ag ionnsachadh mu cheòl aig ìre bun-sgoile: ceòl is sgeulachdan às A' Ghrèig. Schools programme to support music teaching in the upper stages of primary school.
Thairis air an t-sreath bidh Sàra agus Liam, a tha ag obair ann am bùth siubhail, a' toirt seachad fiosrachadh mu chuid de na dùthchannan air a bheil iad a' cur eòlas nan obair. Tron seo tha sinn a' cluinntinn sgeulachdan agus pìosan ciùil a bhuinneas do dhiofar dhùthchannan.
Anns a' phrògram seo tha sinn ag ionnsachadh mu cheòl às A' Ghrèig agus an sgeulachd ainmeil mu Phersephone. 'S e amas an teagaisg a bhith a' cluich agus a' seinn le tuigse agus cinnt.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chur air dòighean gus ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Fri 11 May 201211:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 12 May 201210:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 May 201214:30BBC Radio nan Gàidheal