Last on
A' Bheilg còrr is 250 là gun riaghaltas ùr

Airson còrr is ochd mìosan a-nis tha a' Bheilge air a bhith às aonais riaghaltas ùr. Tha sgaraidhean cànanach, poilitigeach agus cultarach eadar sgìre Flànras mu thuath agus Wallonia gu deas air bàcadh mòr a chuir air gnothaichean. Ghabh na mìltean chun na sràidean o chionn ghoirid airson ìmpidh a chuir air luchd-poilitigs riaghaltas ùr a chuir an gnìomh.
Belgium now more than 250 days without a new government
For more than eight months now Belgium has been without a new government. The cultural, political and linguistic differences between Flanders in the north and Wallonia in the south are proving difficult to overcome. Thousands took to the streets in protest recently demanding a new government.
Drugaichean airson ADHD air am mì-chleachdadh

Tha draghan air nochdadh ann an mòran àiteachan san Roinn Eòrpa agus nas farsaing buileach mun àireamh de dhaoine a tha a' faighinn drogaichean on dotair airson ADHD (Attention Deficit Hyperactivity Disorder). Ach san Òlaind, far a bheil deich uimhir a-nis a' faighinn drogaichean leithid Ritalin seach deich bliadhna air ais, tha mòran a-nis ga mì-chleachdadh. Thèid aig daoine a cheannach air-loidhne, agus tha iad ga shèideadh neo cuir a-steach don bhothaig le snàthad – a' toirt buaidh gu math eadar-dhealaichte air an cuid-slàinte.
Misuse of ADHD drugs

Many concerns have been raised in Europe and further afield about the numbers being prescribed drugs for ADHD (Attention Deficit Hyperactivity Disorder). However, in the Netherlands, where ten times as many people are being prescribed drugs like Ritalin in comparison with ten years ago, many are abusing the drug. It can be bought over the internet, and people abusing it either snort it or inject it, giving very different results than when it is used properly and as intended.
Clann "air an goid"

Tha còrr is fichead bliadhna air a bhith ann bho ghluais an Spàinn gu deamocrasaidh. Ach tha an dùthaich fhathast a' dèiligeadh ann an iomadach dòigh ri dìleab linn Franco. Tha Darren Linc air a bhith san Spàinn a' toirt sùil air casaidean gun deach clann air an ùr-bhreith a ghoid gun fhios dha na pàrantan aca is an toirt seachad air an uchd-mhachdachadh - bho àm Franco gu fiù 's na 1990an. Tha buidheann strì air a bhith sa chùirt ag iarraidh gun tèid na casaidean an rannsachadh, is air a' mhìos seo chaidh, airson a' chiad turas, chaidh casaid mar seo a dhearbhadh le màthair is nighean air an cuir an aithne a chèile a-rithist.
"Stolen" children

More than 20 years have passed since Spain began its transition to democracy. However, the country is still dealing with the legacy of the Franco era. Darren Laing reports from Spain where there are allegations that new-born babies were secretly taken from their parents and given up for adoption – from the Franco era, to as recently as the 1990s. A pressure group has been fighting in court to have these allegations investigated. Last month, for the first time ever, one such case was proven, and a mother was re-united with her long-lost daughter.
Credit
| Role | Contributor |
|---|---|
| Producer | Hedda Macleod |
Broadcasts
- Wed 2 Mar 201120:30
- Fri 4 Mar 201119:25
- Sat 5 Mar 201119:00BBC Two Scotland
- Sat 5 Mar 201123:30
Podcast
![]()
Eòrpa
Gaelic current affairs reporting on political, social and cultural issues across Europe


