Main content

14/03/2011

Tha litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's short letter for learners is introduced by Ruaraidh MacLean.

5 minutes

Last on

Mon 14 Mar 201119:00

Clip

An Litir Bheag 305

Tha an dealbh Bàs an Daimh ann an Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba. Tha e a’ sealltainn Cailean Fitzgerald. Tha Cailean a’ sàbhaladh beatha Rìgh Alasdair III. B’ e Cailean an tùsair, a rèir beul-aithris, aig Clann ’ic Coinnich.

Bha Clann ’ic Coinnich dìleas do rìghrean na h-Alba. Ach thug an còigeamh Iarla Shìophort, Uilleam MacCoinnich, taic do na Seumasaich. Bha sin anns a’ chiad ar-a-mach aca ann an seachd ceud deug is còig-deug (1715). Chaill e an tiotal aige. Agus chaill e am fearann aige.

Còig bliadhn’ deug às dèidh sin, cheannaich Uilleam cuid dhen fhearann aige air ais. Nuair a thàinig treas ar-a-mach nan Seumasach ann am Bliadhna Theàrlaich, thug mac Uilleim, Coinneach, taic do Rìgh Deòrsa.

Ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a h-aon (1771) thuirt Coinneach ris an riaghaltas gun robh e deònach rèisimeid Ghàidhealach a thogail. Agus fhuair e an seann tiotal air ais – Iarla Shìophort. Seachd bliadhna às dèidh sin, chaidh an rèisimeid aige a thogail – na Sìophortaich.

Chaochail Coinneach gun oighre fireann. Aig a’ cheann thall, fhuair a cho-ogha, Francis Humberston MacCoinnich, ceannas na fine. Bha ùidh mhòr aig Francis anns na h-ealain. Dh’iarr e air a’ pheantair Ameireaganach, Benjamin West, an dealbh mòr, Bàs an Daimh, a dhèanamh.

Bha MacCoinnich ag iarraidh dealbh a shealladh gun robh Clann ’ic Coinnich treun agus dìleas. Chòrd an dealbh ris an Rìgh. Mas e propaganda a bha ann, dh’obraich e.

An-ath-sheachdain, cuiridh mi crìoch air an eachdraidh seo de Bhàs an Daimh. Ach innsidh mi dhuibh an-dràsta dè thachair do Francis Humberston MacCoinnich. Nuair a bha e òg, ghabh e fiabhras. Dh’fhàg sin bodhar e. Cha robh cainnt mhath aige air sgàth sin.

Bha ceathrar mhac aige. Ach chaochail iad uile mus do chaochail esan. Nuair a chaochail Francis fhèin, bhàsaich “Na Sìophortaich” leis.

Agus thug a bhàs faidheadaireachd gu buil. B’ e sin an fhaidhead-aireachd aig Coinneach Odhar. Thuirt Coinneach gun tigeadh na Sìophortaich gu ceann le bàs cinn-chinnidh a bha bodhar agus balbh.

The Little Letter 305

The painting The Death of the Stag is in the National Gallery of Scotland. It shows Colin Fitzgerald. Colin is saving the life of King Alexander III. Colin was the progenitor, according to oral trad-ition, of the MacKenzie clan.

The MacKenzies were loyal to the Kings of Scotland. But the fifth Earl of Seaforth, William MacKenzie, supported the Jacobites. That was in their rebellion in 1715. He lost his title. And he lost his land.

Fifteen years after that, William bought some of his land back. When the third Jacobite rebellion came in ‘The Year of Charlie’ (1745-6), William’s son, Kenneth, supported King George.

In 1771 Kenneth said to the government that he was willing to raise a Highland regiment. And he got the old title back – Earl of Seaforth. Seven years after that, his regiment was raised – The Seaforth Highlanders.

Kenneth died without a male heir. In the end, his cousin, Francis Humberston MacKenzie, got the chieftainship of the clan. Francis was very interested in the arts. He asked the American painter, Benjamin West, to paint the great picture The Death of the Stag.

MacKenzie was wanting a picture that would show that the MacKenzies were bold and loyal. The King liked the painting. If it was propaganda, it worked.

Next week, I’ll finish this history of The Death of the Stag. But I’ll tell you just now what happened to Francis Humberston MacKenzie. When he was young, he took a fever. That left him deaf. He had poor speech because of that.

He had four sons. But they all died before he died. When Francis himself died, ‘The Seaforths’ [the name] died with him.

And his death brought a prophecy to fruition. That was the prophecy of Coinneach Odhar (‘The Brahan Seer’). Coinneach said that the Seaforths would end with the death of a clan chief that was deaf and dumb.

Broadcast

  • Mon 14 Mar 201119:00

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast