
Cogadh Golz
A' bhuaidh mhaireannach a bh' aig bàs a nàmhaid air Aonghas Mac-a-phì aig àm an dàrna cogaidh. Angus MacPhee's remarkable story of truth and reconciliation.
As t-earrach 1945 bha an Gearmailteach Karl Heinz Golz air U-boat far chosta Èirinn.
San Eilean Sgitheanach, bha Aonghas Mac a’ Phì, seachd bliadhna deug, 's a cho-oghaichean, aig an taigh ann a Heàrrlois, a' falbh nan cladaichean a dh'fhaicinn dè a bheireadh a' làn thuca.
Aon là, le turchartas, thachair rud a cheangladh an dithis aca ri chèile agus a bheireadh buaidh mhaireannach air Aonghas.
Lorg e corp Karl Heinz Golz air a' chladach agus fad còrr air trì fichead bliadhna bha Aonghas airson an tuilleadh fhaighinn a-mach mun t-seòladair agus dèanamh cinnteach gu robh fios aig a theaghlach gu dè a thachair dha.
Thug e bliadhnaichean a' rannsachadh, ach le cuideachadh bho Horst Bredow, fear a chlàr na U-boats gu mionaideach agus bho Andreas Wolff, neachd-naidheachd Gearmailteach aig BBC Radio nan Gàidheal, fhuair e a mhiann.
Seo an sgeulachd aca, mar a chaidh innse ann an 2010.
Last on
Credit
| Role | Contributor |
|---|---|
| Producer | Annella MacLeod |
Broadcasts
- Thu 11 Nov 201013:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 11 Nov 201022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Nov 201013:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 1 Oct 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 1 Oct 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Oct 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Nov 202410:00BBC Radio nan Gàidheal